Salm 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Daibhidh achmhasan da naimhdean, agus chomhairlich e iad. 6 Nochd e gu bheil sonas an duine, chan ann am mòr‐phailteas nithean talmhaidh, ach ann an deagh‐ghean an Tighearna. Don àrd‐fhear‐ciùil air Neginot. Salm le Daibhidh. 1 Nuair a dh’èigheas mi, èisd rium, a Dhè m’ionracais; nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dèan tròcair orm, agus èisd rim ùrnaigh. 2 A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir a‑chum nàire, a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an dèidh bhreug? Selah. 3 Ach biodh fhios agaibh gun do roghnaich an Tighearna an duine naomh dha fhèin; èisdidh an Tighearna nuair a dh’èigheas mi ris. 4 Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh; labhraibh ri ur cridhe air ur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah. 5 Iobraibh ìobairtean ionracais, agus earbaibh as an Tighearna. 6 Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna. 7 Chuir thu aoibhneas ann am chridhe, nas mò na nuair as pailte an arbhar agus am fìon‐san. 8 Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society