Salm 36 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Euceart agus cealg nan aingidh. 5 Òirdheirceas tròcair Dhè. 10 Dh’aslaich Daibhidh air Dia gum buanaicheadh e a chaoimneas dhaibhsan a bha ionraic nan cridhe. Don àrd‐fhear‐ciùil. Le Daibhidh, òglach an Tighearna. 1 Is e a their an t‑aingidh an taobh a‑staigh de a chridhe, gum peacaich e; chan eil eagal Dhè fa chomhair a shùl. 2 Oir nì e bàigh ris fhèin na shùilean fhèin, gus am faighear a‑mach a chionta mar adhbhar fuatha. 3 Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh. 4 Dealbhaidh e euceart air a leabaidh; suidhichidh e e fhèin air slighe nach eil math; chan oillteil leis an t‑olc. 5 A Thighearna, anns na nèamhan tha do thròcair; tha d’fhìrinn gu ruig na neòil. 6 Tha d’fhìreantachd mar na beanntan àrda, do bhreitheanais nan doimhne mhòir; gleidhidh tusa, a Thighearna, duine agus ainmhidh. 7 Cia luachmhor do choibhneas gràdhach, a Dhè! Uime sin, earbaidh clann nan daoine à sgàil do sgiathan. 8 Sàsaichear iad gu mòr le saill do thaighe, agus à abhainn do shòlasan bheir thu orra òl. 9 Oir agadsa tha tobar na beatha; ann ad sholas‐sa chì sinne solas. 10 Buanaich do choibhneas gràidh dhaibhsan a chuir eòlas ort, agus d’fhìreantachd dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe. 11 Na tigeadh cas an àrdain orm, agus na gluaiseadh làmh nan aingidh mi. 12 An sin thuit luchd‐dèanamh na h‑euceirt sìos; leagadh sìos iad, agus chan urrainn dhaibh èirigh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society