Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 34 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’earail Daibhidh air an t‑sluagh Dia a mholadh. 8 Is beannaichte an duine a dh’earbas as an Tighearna. 15 Saoraidh Dia am fìrean as gach teanntachd.
Le Daibhidh, nuair a dh’atharraich e a ghiùlan an làthair Abimeleich , agus a chuir esan uaithe e, agus a dh’imich e.

1 Beannaichidh mi an Tighearna gach àm; an còmhnaidh bidh a mholadh ann am bheul.

2 Anns an Tighearna nì m’anam uaill; cluinnidh na daoine sèimhe, agus nì iad aoibhneas.

3 Molaibh an Tighearna leamsa, agus àrdaicheamaid a ainm le chèile.

4 Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.

5 Dh’amhairc iad air, agus shoillsicheadh iad, agus cha robh nàire air an gnùis.

6 Ghlaodh an duine bochd seo, agus dh’èisd an Tighearna ris, agus as a theanntachdan gu lèir shaor e e.

7 Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall‐san don eagal e, agus teasairgidh e iad.

8 O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.

9 Biodh eagal an Tighearna oirbh, a naoimh‐san, oir cha bhi dìth air a luchd‐eagail‐san.

10 Bidh easbhaidh air na leòmhainn òga, agus bidh acras orra, ach orrasan a dh’iarras an Tighearna cha bhi math air bith a dhìth.

11 Thigibh, a chlann, agus èisdibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearna.

12 Cò e am fear a mhiannaicheas beatha, a ghràdhaicheas làithean a dh’fhaicinn maith?

13 Glèidh do theanga o olc, agus do bhilean o labhairt ceilg.

14 Seachainn an t‑olc, agus dèan am math; iarr sìochaint, agus lean i.

15 Tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluas rin glaodh.

16 Tha gnùis an Tighearna an aghaidh luchd‐dèanamh uilc, a‑chum an cuimhne a ghearradh as on talamh.

17 Ghlaodh na fìreanan, agus dh’èisd an Tighearna, agus as an teanntachdan gu lèir shaor e iad.

18 Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.

19 Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.

20 Gleidhidh an Tighearna a chnàmhan uile; cha bhi aon dhiubh briste.

21 Marbhaidh olc na h‑aingidh; agus iadsan a tha a’ toirt fuath don fhìrean, lom‐sgriosar iad.

22 Saoraidh an Tighearna anam a sheirbhiseach, agus cha sgriosar aon air bith dhiubhsan a chuireas an dòigh ann.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan