Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Cumhachd agus oighreachd Chrìosd: 10 thugadh earail do bhritheamhan na talmhainn iad a dhèanamh seirbhis dha.

1 Carson a ghabh na cinnich boile, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain?

2 Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte‐san, ag ràdh,

3 Briseamaid o chèile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing?

4 An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra.

5 An sin labhraidh e riu na fheirg, agus na chorraich cuiridh e uamhann orra.

6 Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh‐sa.

7 Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac‐sa; an‑diugh ghin mi thu.

8 Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh.

9 Brisidh tu iad le slait iarainn; mar shoitheach creadhadair, pronnaidh tu iad nam bloighdean.

10 A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn.

11 Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball‐chrith.

12 Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan