Salm 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992Còmhnaichidh an t‑ionracan, agus an neach a labhras an fhìrinn na chridhe, ann am pàillean Dhè. Salm le Daibhidh 1 A Thighearna, cò a dh’fhanas ann ad phàillean? Cò a chòmhnaicheas air do shliabh naomh? 2 Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a nì ceartas, agus a labhras an fhìrinn na chridhe; 3 Nach dèan cùl‐chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach; 4 Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail; 5 Nach cuir a airgead a‑mach air ocar, agus nach gabh duais an aghaidh an neochiontaich. Esan a nì na nithean sin, cha ghluaisear gu bràth e. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society