Salm 149 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Is airidh Dia air cliù airson a mhaitheis da shluagh, 6 agus airson a dhìoghaltais air na cinnich. 1 Molaibh‐se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh. 2 Biodh Israel aoibhneach na Chruithear; dèanadh clann Shioin gàirdeachas nan Rìgh. 3 Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha. 4 Oir gabhaidh an Tighearna tlachd na shluagh; nì e na daoine sèimhe sgiamhach le slàinte. 5 Dèanadh na naoimh gàirdeachas ann an glòir; dèanadh iad iolach air an leapaichean. 6 Biodh àrd‐chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh, 7 A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh; 8 A‑chum an rìghrean a cheangal le slabhraidhean, agus an àrd‐uaislean le geimhlean iarainn; 9 A‑chum am breitheanas a tha sgrìobhte a chur an gnìomh orra; tha an t‑urram seo aig a naoimh uile. Molaibh‐se an Tighearna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society