Salm 144 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Bheannaich Daibhidh an Tighearna do bhrìgh gu robh e na fhear‐saoraidh dha. 5 Ghuidh e gun teasairgeadh Dia e o làimh cloinne choigreach. 9 Gheall e Dia a mholadh. Salm le Daibhidh. 1 Beannaichte gu robh an Tighearna, mo charraig, a theagaisgeas mo làmhan gu cath, mo mheòir gu còmhrag; 2 Mo mhath agus mo dhaingneach, mo thùr àrd agus m’fhear‐saoraidh‐sa, mo sgiath agus an tì as an earb mi, a cheannsaicheas mo shluagh fodham. 3 A Thighearna, ciod e an duine gu bheil thu a’ gabhail eòlais air, mac an duine gu bheil meas agad air? 4 Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad. 5 A Thighearna, lùb do fhlaitheasan, agus thig a‑nuas; bean ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh. 6 Cuir a‑mach dealanach agus sgaoil iad; tilg do shaighdean agus claoidh iad. 7 Sìn uat do làmh on àirde, saor mi, agus teasairg mi o uisgeachan mòra, à làimh clann choigreach, 8 Aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige. 9 A Dhè, seinnidh mi dhut òran nuadh; air an t‑saltair, air inneal‐ciùil nan deich teud, seinnidh mi moladh dhut. 10 Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach. 11 Saor mi, agus teasairg mi o làimh clann choigreach, aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige. 12 A‑chum gum bi ar mic mar ùr‑chroinn a’ fàs suas nan òige, ar nigheanan mar chlachan‐oisinn, snaidhte a rèir coslas lùchairt; 13 A‑chum gum bi ar saibhlean làn, a’ toirt uapa de gach gnè thoraidh, ar caoraich a’ breith nam mìltean, seadh deich mìltean nar machraichean; 14 Gum bi ar daimh làidir gu obair, nach bi briseadh a‑steach ann no dol a‑mach, agus nach bi gearan nar sràidean. 15 Is sona an sluagh a tha anns an staid seo; is sona an sluagh don Dia an Tighearna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society