Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 142 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Na thrioblaid ghlaodh Daibhidh ris an Tighearna, 5 agus thaom e a ghearan na làthair.
Maschil le Daibhidh. Ùrnaigh nuair a bha e anns an uaimh .

1 Lem ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; lem ghuth dh’aslaich mi air an Tighearna.

2 Thaom mi mo ghearan na làthair; chuir mi an cèill mo theinn na fhianais.

3 Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam, b’aithne dhutsa mo cheum; anns an t‑slighe air an d’imich mi, dh’fhalaich iad ribe dhomh.

4 Dh’amhairc mi air mo làimh dheis, agus feuch, cha robh fear ann dom b’aithne mi; thrèig cobhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh airson m’anama.

5 Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann, mo chuibhreann ann an tìr nam beò.

6 Thoir an aire dom ghlaodh, oir dh’ìslicheadh mi gu mòr; saor mi uapasan a tha an tòir orm, oir is treasa iad na mi.

7 Thoir m’anam à prìosan, a‑chum gum mol mi d’ainm; cuartaichidh na fìreanan mi; oir buinidh tu gu fial rium.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan