Salm 141 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ghuidh Daibhidh gun èisdeadh Dia ra ghuth, 3 gun cuireadh e faire air a bheul, 9 agus gun coimheadeadh e e o ribe luchd‐dèanamh na h‑euceirt. Salm le Daibhidh. 1 A Thighearna, tha mi ag èigheachd riut; greas am ionnsaigh; èisd rim ghuth nuair a dh’èigheas mi riut. 2 Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair. 3 Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; glèidh doras mo bhilean. 4 Na aom mo chridhe gu nì olc air bith, gu beartan aingidh a chur an gnìomh le luchd‐dèanamh na h‑euceirt; agus na itheam fhèin den nithean milis. 5 Buaileadh am fìrean mi, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean. 6 Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis. 7 Mar a ghearras agus a sgoltas neach fiodh air an làr, sgaoileadh ar cnàmhan aig beul na h‑uaighe. 8 Ach riutsa, a Iehòbhah, a Thighearna, tha mo shùilean; annadsa chuir mi mo dhòigh; na trèig m’anam. 9 Coimhead mi on ribe a leag iad dhomh, agus o cheapan‐tuislidh luchd‐dèanamh na h‑euceirt. 10 Tuiteadh na h‑aingidh nan lìontan fhèin, am feadh a bhios mise a’ gabhail thairis. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society