Salm 140 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ghuidh Daibhidh gun teasairgeadh Dia e o ais‐innleachd a naimhdean. 12 Tha dòchas aige gun cùm an Tighearna ceartas ris na bochdan. Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm le Daibhidh. 1 Teasairg mi, a Thighearna, on droch dhuine; o fhear an fhòirneirt glèidh mi, 2 A tha a’ smaoineachadh aimhleis nan cridhe; cruinnichidh iad gach là a‑chum cogaidh. 3 Gheuraich iad an teanga, mar theanga nathrach; tha nimh na nathrach fom bilean. Selah. 4 Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun‐os‑cionn. 5 Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan‐tuislidh romham. Selah. 6 Thubhairt mi ris an Tighearna, Is tu mo Dhia; èisd, a Thighearna, ri guth m’athchuingean. 7 A Iehòbhah, a Thighearna, neart mo shlàinte, dh’fhalaich thu mo cheann ann an là a’ chatha. 8 Na deònaich, a Thighearna, miannan an aingidh; na soirbhich le a ais‐innleachd, air eagal gun àrdaich iad iad fhèin. Selah. 9 A‑thaobh nan daoine a chuartaich mi, còmhdaichidh aimhleas am bilean fhèin iad. 10 Tuitidh èibhlean teine orra; anns an teine tilgear iad; ann an slocan domhain, a‑chum nach èirich iad a‑rìs. 11 Na daingnichear fear‐labhairt uilc air an talamh; sealgaidh olc air fear an fhòirneirt a‑chum a sgrios. 12 Tha fhios agam gun cùm an Tighearna ceartas ris an duine thruagh, còir ris na bochdan. 13 Gu dearbh bheir na fìreanan moladh dod ainm; gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh ad fhianais. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society