Salm 139 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’aidich Daibhidh gun robh làthaireachd Dhè mun cuairt da a ghnàth. 17 Mhol e an Tighearna airson a thròcairean; 23 agus ghuidh e a bhith air a threòrachadh anns an t‑slighe shìorraidh. Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm le Daibhidh. 1 A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi. 2 Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as. 3 Chuartaich thu mo cheum agus mo laighe sìos, agus air mo shlighean gu lèir is fiosrach thu. 4 Oir feuch, chan eil facal air mo theangaidh, a Thighearna, nach aithne dhut gu lèir. 5 Am dhèidh agus romham chuartaich thu mi, agus chuir thu do làmh orm. 6 Is ro‑iongantach an t‑eòlas seo air mo shon; tha e àrd; cha ruig mi air. 7 Càit an tèid mi od spiorad, agus càit an teich mi od ghnùis? 8 Ma thèid mi suas do nèamh, tha thu an sin; ma nì mi mo leabaidh ann an ifrinn, feuch, tha thu an sin. 9 Ma ghabhas mi sgiathan na maidne agus gun còmhnaich mi ann an ionadan iomallach na fairge, 10 Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheaslàmh suas mi. 11 Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. 12 Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa. 13 Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. 14 Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean‐sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin. 15 Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn. 16 Chunnaic do shùilean mo chiad‐fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann. 17 O cia luachmhor leamsa do smuaintean‐sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh! 18 Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa. 19 Gu cinnteach, a Dhè, marbhaidh tusa an t‑aingidh; uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam. 20 Oir labhair iad ad aghaidh gu h‑aingidh; thug do naimhdean d’ainm an dìomhanas. 21 Nach eil mi a’ tabhairt fuath, a Thighearna, dhaibhsan a tha a’ tabhairt fuath dhutsa? Agus nach eil mi a’ gabhail gràin dhiubhsan a tha ag èirigh suas ad aghaidh? 22 Le fuath iomlan tha mi a’ tabhairt fuath dhaibh; mar naimhdean measam iad. 23 Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; 24 Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society