Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Daibhidh a’ caoidh gun do dhìochuimhnich Dia e: 3 a’ guidhe gun soillsicheadh e inntinn: 5 agus ag earbsadh ri slàinte o thròcair an Tighearna.
Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm le Daibhidh.

1 Cia fhad, a Thighearna, a dhìochuimhnicheas tu mi? An ann gu bràth? Cia fhad a dh’fhalaicheas tu do ghnùis uam?

2 Cia fhad a ghabhas mi comhairle ann am anam, bròn ann am chridhe gach là? Cia fhad a dh’àrdaichear mo nàmhaid os mo chionn?

3 Amhairc orm, èisd rium, a Thighearna mo Dhia; soillsich mo shùilean, air eagal gun caidil mi a‑chum bàis;

4 Air eagal gun abair mo nàmhaid, Bhuadhaich mi na aghaidh; gun dèan m’eascairdean gàirdeachas nuair a dh’aomar mi.

5 Ach dh’earb mise as do thròcair; nì mo chridhe gàirdeachas ann ad shlàinte.

6 Seinnidh mi don Tighearna, a chionn gun do bhuin e rium gu fial, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan