Salm 124 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992Bheannaich Daibhidh an Tighearna do bhrìgh gun do shaor e a shluagh uathasan a dh’èirich nan aghaidh. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. 1 Mura biodh an Tighearna leinn, abradh Israel a‑nis; 2 Mura biodh an Tighearna leinn, nuair a dh’èirich daoine nar n‑aghaidh; 3 An sin shluigeadh iad beò sinn, nuair a las am fearg nar n‑aghaidh; 4 An sin thigeadh tuiltean uisgeachan tharainn, rachadh an sruth thar ar n‑anam; 5 An sin rachadh na h‑uisgeachan uaibhreach thar ar n‑anam. 6 Beannaichte gu robh an Tighearna, nach tug sinn mar chreich dam fiaclan. 7 Chaidh ar n‑anam as mar eun a ribe nan eunadair; bhriseadh an ribe, agus chaidh sinn as. 8 Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society