Salm 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’iarr Daibhidh còmhnadh o Dhia. 3 Tha e a’ gabhail misnich dha fhèin do bhrìgh gun toir Dia an t‑aingidh gu breitheanas, agus gun teasairg e na h‑ionracain. Don àrd‐fhear‐ciùil air Seminit. Salm le Daibhidh. 1 Cuidich leam, a Thighearna, oir chan eil duine diadhaidh ann; oir theirig na h‑ionraic o mheasg clann nan daoine. 2 Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad. 3 Sgathaidh an Tighearna na bilean miodalach uile, an teanga a labhras nithean mòra; 4 Iadsan a thubhairt, Le ar teangaidh buadhaichidh sinn; is leinn fhèin ar bilean; cò a tha na thighearna os ar cionn? 5 Airson fòirneart nam bochd, airson osnaich nan ainnis, a‑nis èiridh mi, arsa an Tighearna; cuiridh mi e ann an tèarainteachd uaithesan a bhagras na aghaidh. 6 Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean. 7 Gleidhidh tusa sinn, a Thighearna; dìonaidh tu sinn on ghinealach seo gu bràth. 8 Gluaisidh na h‑aingidh air gach taobh, nuair a dh’àrdaichear iadsan as suaraiche de chloinn nan daoine. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society