Salm 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Daibhidh a dhòchas ann an Dia. 4 Freasdal agus ceartas an Uile‐chumhachdaich. Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm le Daibhidh. 1 As an Tighearna earbaidh mi. Carson a their sibh rim anam, Teich as mar eun gud shliabh? 2 Oir feuch, chuir na h‑aingidh bogha air lagh; ghleus iad an saighead air sreing, a‑chum tilgeadh anns an dorchadas orrasan a tha ceart nan cridhe. 3 Ma sgriosar na bunaitean, ciod a nì am fìrean? 4 Tha an Tighearna na theampall naomh; tha rìgh‐chathair an Tighearna anns na nèamhan; chì a shùilean, rannsaichidh a rosgan clann nan daoine. 5 Rannsaichidh an Tighearna am fìrean; ach an t‑aingidh, agus esan a thug spèis do fhòirneart, is fuath le a anam. 6 Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain. 7 Oir is ionmhainn leis an Tighearna cheart ceartas; amhaircidh a ghnùis air an duine ionraic. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society