Salm 108 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ghlac Daibhidh misneach gu Dia a mholadh, 5 agus dh’iarr e còmhnadh uaith a rèir a gheallaidhean. Laoidh no Salm le Daibhidh. 1 Tha mo chridhe deas, a Dhè; seinnidh mi agus molaidh mi, eadhon lem ghlòir. 2 Mosgail, a shaltair agus a chlàrsach; mosglaidh mi fhèin moch air mhadainn. 3 Molaidh mi thu am measg nan sluagh, a Thighearna, agus seinnidh mi dhut am measg nan cinneach. 4 Oir is mòr do thròcair os cionn nan nèamh, agus tha d’fhìrinn gu ruig na neòil. 5 Bi air d’àrdachadh os cionn nan nèamh, a Dhè; agus os cionn na talmhainn uile biodh do ghlòir. 6 A‑chum gun teasairgear iadsan as ionmhainn leat, saor thusa led dheas‐làimh, agus èisd rium. 7 Labhair Dia, na naomhachd, Nì mi aoibhneas, roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit. 8 Is leamsa Gilead; is leamsa Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn; Iùdah fear‐tabhairt mo lagha. 9 Is e Mòab mo shoitheach‐ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Palestin nì mi caithreim. 10 Cò a bheir mi don bhaile dhaingnichte? Cò a threòraicheas mi gu Edom? 11 Nach tusa, a Dhè? Nach tusa a thilg uat sinn, agus nach deachaidh a‑mach, a Dhè, le ar n‑armailtean? 12 Thoir còmhnaidh dhuinn ann an airc, oir is dìomhain furtachd duine. 13 Trìd Dhè nì sinn treubhantas, oir saltraidh esan sìos ar naimhdean. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society