Salm 103 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Earail gu cliù a thoirt do Dhia do bhrìgh gu bheil a mhaitheas mòr, 15 agus a thròcair o shìorraidheachd orra‑san dan eagal e. Salm le Daibhidh. 1 Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh‐san. 2 Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile. 3 Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile; 4 A shaoras do bheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas gràidh agus le caomh‐thròcairean; 5 A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath‐nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire. 6 Nì an Tighearna ceartas agus breitheanas dhaibhsan uile a tha air an sàrachadh. 7 Dh’fhoillsich e a shlighean do Mhaois, a ghnìomharan do chloinn Israeil. 8 Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh. 9 Cha bhi e a’ cronachadh gu sìorraidh, agus cha ghlèidh e a fhearg gu bràth. 10 A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn. 11 Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh‐san don eagal e. 12 Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais. 13 Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e; 14 Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn. 15 An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth; 16 Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò. 17 Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, 18 Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh. 19 Shocraich an Tighearna a rìgh‐chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile. 20 Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail. 21 Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd‐frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile. 22 Beannaichibh an Tighearna, a obraichean uile, anns gach àite de a thighearnas; beannaich an Tighearna, O m’anam! |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society