Salm 102 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thaom am fàidh a ghearan an làthair Dhè. 12 Chuimhnich e air tròcair an Tighearna da shluagh, agus ghlac e misneach. 23 Tha Dia neo‐chaochlaideach na bhith. Ùrnaigh airson duine truagh nuair a bhios e air a shàrachadh , agus a thaomas e a ghearan an làthair an Tighearna . 1 A Thighearna, èisd rim ùrnaigh, agus thigeadh mo ghlaodh ad ionnsaigh. 2 Na falaich do ghnùis uam ann an là mo theinn; aom do chluas rium anns an là air an gairm mi ort; èisd rium gu grad. 3 Oir tha mo làithean air teireachdainn mar dheataich, agus tha mo chnàmhan air an losgadh mar theintein. 4 Tha mo chridhe air a bhualadh agus air seargadh mar fheur, air chor is nach cuimhne leam m’aran ithe. 5 Le guth m’osnaich, lean mo chnàmhan rim fheòil. 6 Tha mi cosmhail ri pelican an fhàsaich; tha mi mar chomhachaig nan ionad aonaranach. 7 Tha mi ri faire, agus tha mi mar eun na aonar air mullach taighe. 8 Air feadh an là tha mo naimhdean gam mhaslachadh; agus iadsan a tha air bhoile rium, mhionnaich iad am aghaidh. 9 Oir dh’ith mi luath mar aran, agus mheasg mi mo dheoch lem dheòir, 10 Trìd do chorraich agus d’fheirge, oir thog thu mi suas, agus leag thu mi sìos. 11 Tha mo làithean mar sgàil ag aomadh sìos, agus tha mi fhèin mar fheur air seargadh. 12 Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn. 13 Eiridh tusa, nì thu tròcair air Sion, oir tha an t‑àm gu deagh‐ghean a nochdadh dhi, seadh, an t‑àm suidhichte air teachd; 14 Oir tha do sheirbhisich a’ gabhail tlachd na clachan, agus tha deagh rùn aca da luaithre. 15 Mar sin bidh eagal air na cinnich ro ainm an Tighearna, agus air uile rìghrean na talmhainn ro a ghlòir. 16 Nuair a thogas an Tighearna suas Sion, chìthear e na ghlòir. 17 Bheir e an aire do ùrnaigh nan dìobarach, agus cha dèan e tàir air an athchuinge. 18 Sgrìobhar seo don àl ri teachd, agus molaidh an sluagh a ghinear an Tighearna. 19 Oir dh’amhairc e a‑nuas o àirde a naomhachd fhèin; o na nèamhan sheall an Tighearna air an talamh, 20 A chluinntinn osnaich a’ phrìosanaich, a‑chum fuasgladh orrasan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis; 21 A‑chum ainm an Tighearna a chur an cèill ann an Sion, agus a chliù ann an Ierusalem; 22 Nuair a chruinnichear na slòigh le chèile, agus na rìoghachdan gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna. 23 Chlaoidh e anns an t‑slighe mo neart; ghiorraich e mo làithean. 24 Thubhairt mi, Mo Dhia, na toir air falbh mi ann am meadhon mo làithean; tha do bhliadhnachan‐sa air feadh nan uile linn. 25 O chian leag thu bunaitean na talmhainn, agus is iad na nèamhan obair do làmh. 26 Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh. 27 Ach is tusa an Tì ceudna, agus cha chrìochnaichear do bhliadhnachan. 28 Mairidh clann do sheirbhiseach, agus daingnichear an sliochd ad fhianais. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society