Salm 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Sonas an fhìrein. 4 Sgriosar na h‑aingidh ann am breitheanas. 1 Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd‐fanaid: 2 Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh‐san a là agus a dh’oidhche. 3 Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e. 4 Chan ann mar sin a bhios na h‑aingidh, ach mar mholl a sgapas a’ ghaoth. 5 Air an adhbhar sin cha seas na h‑aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coitheanal nam fìrean. 6 Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society