Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Rut 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ghairm Bòas air an fhear‐dhàimh a b’fhaisge, a‑chum gum fuasgladh e fearann Elimeleich. 6 Dhiùlt esan fhuasgladh. 13 Phòs Bòas Rut. 17 Rug ise Obed, seanair Dhaibhidh.

1 An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear‐dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos.

2 Agus ghabh e deichnear dhaoine de sheanairean a’ bhaile, agus thubhairt e, Suidhibh sìos an seo. Agus shuidh iad sìos.

3 Agus thubhairt e ris an fhear‐dhàimh, Tha Naòmi, a thàinig air a h‑ais à fearann Mhòaib, gu earrann den achadh a bu le ar bràthair Elimelech a reic;

4 Agus smaoinich mi air fios a thoirt dhut, ag ràdh, Ceannaich e am fianais an luchd‐àiteachaidh, agus am fianais seanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e: ach mura fuasgail thu e, innis dhomh, a‑chum gum bi fhios agam: oir chan eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise ad dhèidh‐sa. Agus thubhairt esan, Fuasglaidh mise e.

5 An sin thubhairt Bòas, Anns an là anns an ceannaich thu an t‑achadh o làimh Naòmi, feumaidh tu cuideachd a cheannach o Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean a’ mhairbh, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd‐san.

6 Agus thubhairt am fear‐dàimh, Chan fhaod mi fhuasgladh dhomh fhèin, air eagal gum mill mi m’oighreachd fhèin: fuasgail thusa mo chòir dhut fhèin, oir chan fhaod mise a fuasgladh.

7 A‑nis b’e seo o shean an gnàth ann an Israel a‑thaobh fuasglaidh, agus a‑thaobh iomlaid, a dhaingneachadh gach nì: chuireadh duine dheth a bhròg, agus bheireadh e da choimhearsnach i: agus bha seo mar fhianais ann an Israel.

8 Uime sin thubhairt am fear‐dàimh ri Bòas, Ceannaich air do shon fhèin e: agus chuir e dheth a bhròg.

9 Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.

10 Agus mar an ceudna Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean Mhahloin, cheannaich mi dhomh fhèin gu bhith na mnaoi agam, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd, a‑chum nach gearrar as ainm a’ mhairbh à meadhon a bhràithrean, agus o gheata a àite fhèin: is fianaisean sibhse an‑diugh.

11 Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem:

12 Agus bidh do thaigh mar thaigh Phareis (a rug Tàmar do Iùdah,) den t‑sliochd a bheir an Tighearna dhut on mhnaoi òig seo.

13 Agus ghabh Bòas Rut, agus bha i aige na mnaoi: agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus thug an Tighearna torrachas dhi, agus rug i mac.

14 Agus thubhairt na mnathan ri Naòmi, Beannaichte gu robh an Tighearna nach d’fhàg thusa an‑diugh gun fhear‐dàimh, a‑chum gum bi a ainm cliùiteach ann an Israel.

15 Agus bidh e dhut na fhear ath‐nuadhachadh do bheatha, agus na fhear‐altraim do sheann aois, oir is i do bhan‐chliamhainn, aig a bheil gràdh dhut, as fheàrr dhut na seachd mic, a rug e.

16 Agus ghabh Naòmi an leanabh, agus chuir i na h‑uchd e, agus bha i na banaltram aige.

17 Agus thug na ban‐choimhearsnaich ainm air, ag ràdh, Rugadh mac do Naòmi; agus thug iad Obed mar ainm air: Is esan athair Iese, athair Dhaibhidh.

18 A‑nis is iad seo ginealaichean Phareis: Ghin Phares Hesron.

19 Agus ghin Hesron Ram, agus ghin Ram Aminadab.

20 Agus ghin Aminadab Nahson, agus ghin Nahson Salmon.

21 Agus ghin Salmon Bòas, agus ghin Bòas Obed.

22 Agus ghin Obed Iese, agus ghin Iese Daibhidh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan