Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Rut 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chaidh Rut a dhìoghlam ann an achadh Bhòais. 4 Chuir esan eòlas oirre, 8 agus nochd e coibhneas dhi.

1 Agus bha aig Naòmi caraid a‑thaobh a fir, duine cumhachdach aig an robh mòr‐bheartas, de theaghlach Elimeleich, agus b’e a ainm Bòas.

2 Agus thubhairt Rut, a’ bhan‐Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh‐ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.

3 Agus dh’fhalbh i, agus thàinig i, agus dhìoghlaim i anns an achadh an dèidh nam buanaichean; agus thachair dhi dol air earrainn den achadh a bu le Bòas, a bha de theaghlach Elimeleich.

4 Agus, feuch, thàinig Bòas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichean, Gu robh an Tighearna maille ribh: agus fhreagair iadsan, Gum beannaicheadh an Tighearna thusa.

5 An sin thubhairt Bòas ra òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, Cò leis an òg‑bhean seo?

6 Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib:

7 Agus thubhairt ise, Guidheam ort, leig dhomh dìoghlam, agus tional am measg nan sguab an dèidh nam buanaichean: agus thàinig i, agus dh’fhuirich i eadhon on mhadainn gus a‑nis, ach gun d’fhan i tamall beag a‑staigh.

8 An sin thubhairt Bòas ri Rut, Nach cluinn thu, mo nighean? Na gabh a dhìoghlam ann an achadh eile, agus na falbh à seo, ach fan an seo làimh rim ghruagaichean‐sa.

9 Biodh do shùilean air an achadh a bhuaineas iad, agus falbh thusa nan dèidh. Nach d’àithn mise do na h‑òganaich gun bheantainn riut? Agus nuair a bhios ìotadh ort, falbh a dh’ionnsaigh nan soithichean, agus òl den uisge a tharraing na h‑òganaich.

10 An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan‐choigrich?

11 Agus fhreagair Bòas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h‑iomlan dhòmhsa gach nì a rinn thu dod mhàthair‐chèile an dèidh bàs d’fhir, agus mar a dh’fhàg thu d’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an do rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsaigh sluaigh nach b’aithne dhut roimhe seo.

12 Gun dìoladh an Tighearna do shaothair, agus gu robh do dhuais iomlan on Tighearna Dia Israeil, fo sgiathan an tàinig thu a chur do dhòchais.

13 Agus thubhairt ise, Faigheam deagh‐ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean‐sa.

14 Agus thubhairt Bòas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an seo, agus ith den aran, agus tum do ghreim anns an fhìon‐gheur. Agus shuidh i ri taobh nam buanaichean: agus shìn e dhi sìol cruadhaichte, agus dh’ith i, agus shàsaicheadh i, agus dh’fhàg i fuidheall.

15 Agus nuair a dh’èirich i suas gu dìoghlam, dh’àithn Bòas da òganaich, ag ràdh, Eadhon am measg nan sguab dìoghlaimeadh i, agus na cuiribh nàire oirre.

16 Agus cuideachd leigibh de ur deòin le cuid de na dlaghan tuiteam air a son, agus fàgaibh iad a‑chum gun dìoghlaim i iad, agus na tugaibh achmhasan dhi.

17 Mar sin dhìoghlaim i anns an achadh gu feasgar, agus bhuail i as na dhìoghlaim i, agus bha ann mu thimcheall ephah eòrna.

18 Agus thog i suas e, agus chaidh i don bhaile, agus chunnaic a màthair‐chèile na dhìoghlaim i; agus chuir i an làthair, agus thug i dhi na dh’fhàg i, an dèidh dhi a bhith sàsaichte.

19 Agus thubhairt a màthair‐chèile rithe, Càit an do dhìoghlaim thu an‑diugh? Agus càit an do shaothraich thu? Beannaichte gu robh an tì a chuir eòlas ort. Agus dh’innis i da màthair‐chèile cò aig a shaothraich i, agus thubhairt i, Is e ainm an duine aig an do shaothraich mi an‑diugh, Bòas.

20 Agus thubhairt Naòmi ra ban‐chliamhainn, Beannaichte gu robh esan on Tighearna nach do leig dheth a choibhneas do na beòthan agus do na mairbh. Agus thubhairt Naòmi rithe, Tha an duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e de ar dìlsean as fhaisge.

21 Agus thubhairt Rut, a’ bhan‐Mhòabach, Mar an ceudna thubhairt e riumsa, Làimh rim òganaich‐sa fanaidh tu, gus an crìochnaich iad m’fhoghar uile.

22 Agus thubhairt Naòmi ri Rut a ban‐chliamhainn, Is fheàrr dhut, mo nighean, dol a‑mach maille ra ghruagaichean, a‑chum nach coinnich iad thu ann an achadh sam bith eile.

23 Dh’fhan i uime sin làimh ri gruagaichean Bhòais a dhìoghlam, gus an do chrìochnaicheadh foghar an eòrna, agus foghar a’ chruithneachd; agus ghabh i còmhnaidh maille ra màthair‐chèile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan