Rut 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chaidh Elimelech agus a theaghlach gu bhith air chuairt ann am Mòab, airson na gorta a bha ann an tìr Iùdah. 6 An dèidh a bhàis, thill a bhean Naòmi dhachaidh, maille ra bana‐chliamhainn Rut. 1 A‑nis ri linn nam britheamhan, bha gort anns an tìr: agus chaidh duine àraidh de Bhetlehem Iùdah gu bhith air chuairt ann am fearann Mhòaib, e fhèin agus a bhean, agus a dhithis mhac. 2 Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin. 3 Agus fhuair Elimelech, fear Naòmi, bàs; agus dh’fhàgadh ise agus a dithis mhac. 4 Agus ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de na ban‐Mhòabaich: b’e ainm aoin dhiubh Orpah, agus ainm na mnà eile Rut: agus ghabh iad còmhnaidh an sin mu thimcheall deich bliadhna. 5 Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilean le chèile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir. 6 Agus dh’èirich i suas maille ra ban‐chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh. 7 Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan‐chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah. 8 Agus thubhairt Naòmi ra dà bhan‐chliamhainn, Falbhaibh, tilleadh gach aon agaibh do thaigh a màthar; gum buineadh an Tighearna gu coibhneil ribh, mar a bhuin sibhse riùsan nach maireann, agus riumsa. 9 Gun tugadh an Tighearna dhuibh gum faigh sibh fois, gach aon dhibh ann an taigh a fir. An sin phòg i iad: agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad. 10 Agus thubhairt iad rithe, Gu cinnteach maille riutsa tillidh sinne a dh’ionnsaigh do shluaigh. 11 Agus thubhairt Naòmi, Tillibh, mo nigheanan; carson a thèid sibh maille riumsa? A bheil fhathast mic agamsa am innibh, gu bhith agaibh nam fir? 12 Tillibh, mo nigheanan; imichibh; oir tha mise tuilleadh is sean gu fear a bhith agam: nan abrainn, Tha dòchas agam, nam biodh fear agam eadhon a‑nochd, agus mar an ceudna gum beirinn mic, 13 Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? Am fanadh sibh air an son gun fhir a bhith agaibh? Na dèanaibh sin, mo nigheanan; oir tha mi ro‑dhuilich air ur son‐se, gun deachaidh làmh an Tighearna a‑mach am aghaidh‐sa. 14 Agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad a‑rìs: agus phòg Orpah a màthair‐chèile, ach dhlùth‐lean Rut rithe. 15 Agus thubhairt i, Feuch, tha do phiuthar‐chèile air tilleadh a dh’ionnsaigh a sluaigh, agus a dh’ionnsaigh a diathan; till thusa an dèidh do pheathar‐chèile. 16 Agus thubhairt Rut, Na iarr orm d’fhàgail, no tilleadh o bhith gad leantainn: oir ge bè taobh a thèid thusa, thèid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh‐sa mo shluagh‐sa, agus do Dhia‑sa mo Dhia‑sa. 17 Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gun dèanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa. 18 Nuair a chunnaic i gu robh i suidhichte air dol maille rithe, an sin sguir i de labhairt rithe. 19 Agus dh’imich iad le chèile gus an tàinig iad gu Betlehem. Agus nuair a bha iad air teachd gu Betlehem, ghluaiseadh am baile uile man timcheall, agus thubhairt iad, An i seo Naòmi? 20 Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile‐chumhachdach gu ro‑gheur rium. 21 Chaidh mi a‑mach làn, agus thug an Tighearna air m’ais mi falamh. Carson, matà, a their sibh Naòmi rium, agus gun tug an Tighearna fianais am aghaidh, agus gun do chuir an t‑Uile‐chumhachdach fo àmhghar mi? 22 Mar sin thill Naòmi, agus Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean a mic, maille rithe, a thill à fearann Mhòaib: agus thàinig iad gu Betlehem ann an toiseach na buain‐eòrna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society