Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Iadsan a tha a’ peacachadh, ged a tha iad a’ cronachadh seo ann an daoine eile, chan urrainn iad an leithsgeul fhèin a ghabhail, 6 agus is lugha gu mòr na sin a dh’fheudas iad dol as o cheart‐bhreitheanas Dhè, mas Iùdhaich no Cinnich iad.

1 Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

2 Ach tha fhios againne gu bheil breitheanas Dhè a rèir fìrinn, an aghaidh na muinntir a tha a’ dèanamh an leithidean sin.

3 Agus an saoil thusa seo, O dhuine, a tha a’ toirt breith orrasan a nì an leithidean sin, agus a tha gan dèanamh thu fhèin, gun tèid thu as o bhreitheanas Dhè?

4 No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad‐fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?

5 Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo‐aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart‐bhreitheanas Dhè;

6 A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan;

7 Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo‐bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:

8 Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;

9 Amhghar agus teanntachd air gach anam duine a tha a’ dèanamh uilc, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach;

10 Ach glòir, agus urram, agus sìth, do gach duine a nì math, don Iùdhach air tùs, agus don Ghreugach mar an ceudna:

11 Oir chan eil spèis aig Dia de phearsa seach a chèile.

12 Oir a mheud is a pheacaich gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh; agus a mheud is a pheacaich fon lagh, dìtear iad leis an lagh:

13 (Oir chan iad luchd‐èisdeachd an lagha a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd‐dèanamh an lagha air am fìreanachadh.

14 Oir nuair a tha na Cinnich aig nach eil lagh, a‑thaobh nàdair a’ dèanamh nan nithean a tha anns an lagh, air dhaibhsan a bhith gun lagh tha iad nan lagh dhaibh fhèin:

15 Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:)

16 Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil‐sa, tre Iosa Crìosd.

17 Feuch, goirear Iùdhach dhìotsa, agus tha thu a’ cur dòigh anns an lagh, agus a’ dèanamh uaill à Dia,

18 Agus is aithne dhut a thoil, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh;

19 Agus tha thu earbsach gur ceann‐iùil thu fhèin do na doill, solas dhaibhsan a tha an dorchadas,

20 Fear‐fòghlaim do dhaoine neo‐eagnaidh, fear‐teagaisg do leanaban, aig a bheil samhladh an eòlais agus na fìrinn a tha anns an lagh.

21 Thusa uime sin a tha a’ teagasg neach eile, nach eil thu gad theagasg fhèin? Thusa a tha a’ searmonachadh gun ghoid a dhèanamh, a bheil thu ri goid?

22 Thusa a tha ag ràdh gun adhaltranas a dhèanamh, a bheil thu a’ dèanamh adhaltranais? Thusa len gràin iodhalan, a bheil thu ri naomh‐ghoid?

23 Thusa a tha a’ dèanamh uaill as an lagh, an tabhair thu, le briseadh an lagha, eas‐urram do Dhia?

24 Oir tha ainm Dhè a’ faotainn toibheim, dur taobh‐se am measg nan Cinneach, mar a tha e sgrìobhte.

25 Oir tha tairbhe gu fìrinneach anns an timcheall‐ghearradh, ma ghleidheas tu an lagh: ach mas fear‐brisidh an lagha thu, tha do thimcheall‐ghearradh na neo‐thimcheall‐ghearradh dhut.

26 Uime sin, ma ghleidheas an neo‐thimcheall‐ghearradh fìreantachd an lagha, nach measar a neo‐thimcheall‐ghearradh‐san mar thimcheall‐ghearradh?

27 Agus nach dìt an neo‐thimcheall‐ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall‐ghearradh ad fhear‐brisidh an lagha?

28 Oir chan Iùdhach esan, a tha mar sin on leth a‑muigh; agus chan e sin an timcheall‐ghearradh, a tha gu follaiseach anns an fheòil:

29 Ach is Iùdhach esan, a tha mar sin anns an taobh a‑staigh; agus is e sin an timcheall‐ghearradh a tha anns a’ chridhe, agus anns an spiorad, chan ann anns an litir, aig a bheil a chliù chan ann o dhaoine, ach o Dhia.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan