Ròmanaich 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Cha do thilg Dia Israeil uile uaith. 7 Thaghadh cuid, ged a chruadhaicheadh a’ chuid eile. 16 Tha dòchas mun ath‐thilleadh. 18 Chan fhaod na Cinnich uaill‐thàir a dhèanamh orra; 26 oir tha gealladh gun tèarnar iad. 1 Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin. 2 Cha do thilg Dia uaithe a phoball a ro‑aithnich e. Nach eil fhios agaibh ciod a tha an sgriobtar ag ràdh mu Elias, cionnas a tha e a’ casaid ri Dia an aghaidh Israeil, ag ràdh, 3 A Thighearna, mharbh iad d’fhàidhean, agus leag iad sìos d’altairean; agus dh’fhàgadh mise am aonar, agus tha iad ag iarraidh m’anama? 4 Ach ciod a tha freagradh Dhè ag ràdh ris? Dh’fhàg mi dhomh fhèin seachd mìle fear, nach do lùb an glùn do dhealbh Bhàail. 5 Agus mar sin mar an ceudna tha anns an àm seo an làthair fuidheall a rèir taghadh a’ ghràis. 6 Agus mas ann tre ghràs, chan ann o obraichean nas mò; no cha ghràs gràs nas mò. Ach mas ann o obraichean, chan ann o ghràs à sin suas: no chan obair à sin suas obair. 7 Ciod mas eadh? An nì sin a tha Israel ag iarraidh, cha do ràinig e air; ach ràinig an taghadh air, agus chaidh a’ chuid eile adhalladh: 8 Mar a tha e sgrìobhte, Thug Dia dhaibh spiorad suaine, sùilean a‑chum nach faiceadh iad, agus cluasan a‑chum nach cluinneadh iad, gus an là‑an‑diugh. 9 Agus tha Daibhidh, ag ràdh, Biodh am bòrd mar ribe, agus mar inneal‐glacaidh, agus mar cheap‐tuislidh, agus mar dhìol‐thuarasdail dhaibh: 10 Biodh an sùilean air an dorchachadh, a‑chum nach faic iad; agus crom‐sa an druim an còmhnaidh. 11 Tha mi ag ràdh uime sin, An do thuislich iad ionnas gun tuiteadh iad? Nar leigeadh Dia: ach tre an tuiteam‐san tha slàinte air teachd a‑chum nan Cinneach, a‑chum iadsan a bhrosnachadh gu eud. 12 Mas e an tuiteam‐san saoibhreas an domhain, agus an lùghdachadh saoibhreas nan Cinneach, cia as mò na sin a bhios an lànachd? 13 Oir is ann ribhse a tha mi a’ labhairt, a Chinneacha; do bhrìgh gur mi abstol nan Cinneach, tha mi a’ toirt urraim dom dhreuchd: 14 Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho‐fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh. 15 Oir mas e an tilgeadh‐san air falbh rèiteachadh an domhain, ciod e an ath‐ghabhail ach beatha o na mairbh? 16 Oir ma tha an ciad‐thoradh naomh, tha am meall naomh mar an ceudna: agus ma tha an fhreumh naomh, tha na geugan mar sin mar an ceudna. 17 Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann‐ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn‐ola; 18 Na dèan uaill an aghaidh nan geug: ach ma nì thu uaill nan aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhreumh, ach an fhreumh thusa. 19 Their thu uime sin, Bhriseadh dheth na geugan, a‑chum gun suidhichte mise nan àite. 20 Ro‑mhath; airson am mì‑chreidimh bhriseadh iadsan dheth, agus tha thusa a’ seasamh tre chreideamh. Na bi àrd‐inntinneach, ach fo eagal. 21 Oir mura do chaomhain Dia na geugan nàdarra, biodh eagal ort nach caomhain e thusa nas mò. 22 Feuch uime sin maitheas agus geur‐cheartas Dhè: geur‐cheartas dan taobh‐san a thuit; ach dod thaobh‐sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna. 23 Agus suidhichear iadsan mar an ceudna, mura buanaich iad nam mì‑chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a‑rìs. 24 Oir ma ghearradh thusa as a’ chrann‐ola a bha fiadhaich a‑thaobh nàdair, agus gun do shuidhicheadh ann an deagh chrann‐ola thu an aghaidh nàdair, cia mòr as mò na sin a shuidhichear na geugan nàdarra nan crann‐ola fhèin? 25 Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn‐diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach. 26 Agus mar sin bidh Israel uile air an tèarnadh: mar a tha e sgrìobhte, Thig am Fear‐saoraidh o Shion, agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhachd o Iàcob: 27 Oir is e seo mo choicheangal riu, nuair a bheir mi air falbh am peacaidhean. 28 A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son‐se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean. 29 Oir tha tìodhlacan agus gairm Dhè gun aithreachas. 30 Oir mar a bha sibhse roimhe seo eas‐umhail do Dhia, ach a‑nis a fhuair sibh tròcair tre am mì‑chreideamh‐san: 31 Amhail sin tha iadsan anns an àm seo eas‐umhail, a‑chum tre ur tròcair‐se gum faigh iadsan tròcair mar an ceudna. 32 Oir dhruid Dia iad uile ann am mì‑chreideamh, a‑chum tròcair a dhèanamh air na h‑uile. 33 O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean! 34 Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha? 35 No cò a thug dha air tùs, agus a làn‐dìolar a‑rìs dha e? 36 Oir is ann uaithesan, agus trìd‐san, agus air a shon‐san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society