Ròmanaich 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mhol Pòl a dhreuchd do na Ròmanaich, agus dh’innis e a thogradh gu teachd dan ionnsaigh. 16 Ciod e soisgeul Chrìosd, agus an fhìreantachd a tha e a’ foillseachadh. 18 Tha fearg aig Dia ris gach uile ghnè peacaidh. 21 Ciod iad peacaidhean nan Cinneach. 1 Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè, 2 (A ro‑gheall e le a fhàidhean fhèin anns na sgriobtairean naomha,) 3 Mu thimcheall a Mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna, a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla; 4 A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh: 5 Tre an d’fhuair sinne gràs agus abstolachd a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh am measg nan uile chinneach air sgàth a ainme‐san: 6 Am measg a bheil sibhse mar an ceudna air ur gairm le Iosa Crìosd: 7 A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. 8 Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son‐se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir. 9 Oir is e Dia m’fhianais, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a’ dèanamh luaidh oirbh, 10 A‑ghnàth a’ guidhe ann am ùrnaighean (nam faodainn a‑nis fa‑dheòidh air aon chor le toil Dhè turas soirbheachail fhaotainn), ri teachd dur n‑ionnsaigh‐se. 11 Oir tha dèidh agam air sibhse fhaicinn, ionnas gum pàirtich mi tìodhlac àraidh spioradail ribh, a‑chum ur neartachadh; 12 Sin ri ràdh, a‑chum gum faigh mi comhfhurtachd annaibhse, tre chreideamh a chèile, ur creideamh‐se, agus mo chreideamh‐sa. 13 Agus chan àill leam, a bhràithrean, e a bhith an an‑fhios dhuibhse gun do chuir mi romham gu minig teachd dur n‑ionnsaigh (ach bhacadh mi gus a seo), a‑chum gum faighinn toradh‐eigin nur measg‐se fòs, mar am measg nan Cinneach eile. 14 Oir tha mi fo fhiachan araon do na Greugaich, agus do na daoine borba, araon dhaibhsan a tha glic, agus dhaibhsan a tha neo‐ghlic. 15 Uime sin, a mheud is a tha an comas dhomh, tha mi ullamh a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhuibhse mar an ceudna a tha anns an Ròimh. 16 Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach. 17 Oir tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh ann tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte, Bidh am fìrean beò tre chreideamh. 18 Oir tha fearg Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhì‐dhiadhachd, agus eucoir dhaoine, a tha a’ bacadh na fìrinn ann an neo‐fhìreantachd: 19 Do bhrìgh gu bheil an nì air am faodar fios fhaotainn a‑thaobh Dhè follaiseach anntasan; oir rinn Dia follaiseach dhaibh e. 20 Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean‐san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca: 21 Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach. 22 Ag ràdh gur daoine glice iad fhèin, rinneadh amadain dhiubh: 23 Agus chaochail iad glòir an Dè neo‐thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir‐chasach, agus biasdan snàigeach. 24 Uime sin thug Dia thairis iad mar an ceudna, tre ana‑miannan an cridhe fhèin, a‑chum neòghlaine, a thoirt eas‐urraim dan cuirp eatorra fhèin: 25 Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen. 26 Air a shon seo thug Dia thairis iad do ana‑miannan gràineil: oir chaochail eadhon am mnathan an gnàthachadh nàdarra a‑chum a’ ghnàtha a tha an aghaidh nàdair: 27 Agus mar an ceudna na fir, air trèigsinn dhaibh gnàthachadh nàdarra na mnà, loisgeadh iad len togradh da chèile, fireannaich ri fireannaich ag obrachadh gràinealachd agus iad a’ faotainn dìol‐thuarasdail an seachrain annta fhèin, mar a bu chòir. 28 Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì‐chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh: 29 Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch‐bheusan; nan luchd‐cogarsaich, 30 Nan luchd‐ana‑cainnt, nan luchd‐fuath air Dia, nan luchd‐tarcais, uaibhreach, nan luchd‐ràiteachais, nan luchd‐cumaidh uilc, eas‐umhail do phàrantan, 31 Eu‑cèillidh, nan luchd‐brisidh coicheangail, gun ghràdh nàdarra, do‑rèiteachaidh, neo‐thruacanta: 32 Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society