Nehemiah 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’aidich sluagh Israeil am peacaidhean fhèin agus euceartan an aithrichean. 4 Labhair na Lèbhithich air maitheas agus truacantas Dhè dha shluagh Israel. 1 Agus air a’ cheathramh‐là‑fichead den mhìos seo chruinnicheadh clann Israeil ann an trasgadh, agus ann an sac‐aodach, agus ùir orra. 2 Agus dhealaich sìol Israeil iad fhèin o uile chloinn choigreach, agus sheas iad, agus dh’aidich iad am peacaidhean, agus euceartan an athraichean. 3 Agus dh’èirich iad nan àite, agus leugh iad ann an leabhar lagh an Tighearna an Dia, an ceathramh cuid den là; agus rè ceathramh eile dh’aidich iad, agus rinn iad adhradh don Tighearna an Dia. 4 An sin dh’èirich air cheuman nan Lèbhitheach, Iesua, agus Bani, Cadmiel, Sebaniah, Buni, Serebiah, Bani, agus Chenani, agus ghlaodh iad le guth àrd ris an Tighearna an Dia. 5 Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor‐sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù. 6 Is tusa, is tusa ad aonar an Tighearna: rinn thu na nèamhan, nèamhan nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach nì a tha air, na cuantan agus gach nì a tha annta, agus tha thu gan cumail suas uile; agus tha slòigh nan nèamh a’ dèanamh adhraidh dhut. 7 Is tu fhèin an Tighearna, an Dia, a thagh Abram, agus a thug a‑mach e à Ur nan Caldèanach, agus a thug Abrahàm mar ainm air. 8 Agus fhuair thu a chridhe fìrinneach ad fhianais, agus rinn thu coicheangal ris gun tugadh tu tìr nan Canàanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gun tugadh tu seo da shliochd; agus choilean thu do bhriathran, oir tha thu ceart: 9 Agus chunnaic thu àmhghar ar n‑athraichean anns an Eiphit, agus chuala tu an glaodh aig a’ mhuir ruaidh: 10 Agus nochd thu comharraidhean agus iongantasan air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fhios agad gun do rinn iad gu h‑uaibhreach nan aghaidh: agus fhuair thu dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh. 11 Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd‐tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir. 12 Agus le meall neòil threòraich thu iad anns an là; agus le meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh dhaibh na slighe air an imicheadh iad. 13 Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha. 14 Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach: 15 Agus aran o nèamh thug thu dhaibh nan acras, agus uisge as a’ charraig thug thu a‑mach dhaibh nan tart: agus thubhairt thu riu dol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a mhionnaich thu gun tugadh tu dhaibh. 16 Ach rinn iad fhèin agus ar n‑athraichean gu h‑uaibhreach, agus chruadhaich iad am muineal, agus cha d’èisd iad rid àitheantan. 17 Agus dhiùlt iad èisdeachd, agus cha do chuimhnich iad d’iongantasan a rinn thu nam measg; ach chruadhaich iad am muineal, agus dh’òrdaich iad ceannard, a‑chum tilleadh dan daorsa anns an Eiphit: ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an truacantas, agus cha do thrèig thu iad. 18 Eadhon nuair a rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte agus a thubhairt iad, Seo do dhia a thug a‑nìos thu as an Eiphit, agus a dh’obraich iad mòran brosnachaidh: 19 Gidheadh ad thruacantas mòr cha do thrèig thu iad anns an fhàsach: cha do dhealaich am meall neòil riu anns an là, gu an treòrachadh air an t‑slighe; no am meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh na slighe dhaibh air an imicheadh iad. 20 Agus do spiorad math thug thu seachad gu an teagasg, agus do mhana cha do chùm thu om beul, agus uisge thug thu dhaibh nan tart. 21 Eadhon dà‑fhichead bliadhna bheathaich thu iad anns an fhàsach: cha robh dìth orra: cha d’fhàs an aodach sean, agus cha d’at an casan. 22 Agus thug thu dhaibh rìoghachdan agus slòigh, agus roinn thu iad ann an ceàrnan; agus shealbhaich iad tìr Shihoin, agus tìr rìgh Hesboin, agus tìr Og rìgh Bhasain. 23 Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reultan nan nèamh, agus thug thu iad don tìr mun dubhairt thu ri an athraichean, gun rachadh iad a‑steach ga sealbhachadh. 24 Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd‐àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo. 25 Agus ghlac iad bailtean daingnichte, agus talamh reamhar, agus shealbhaich iad taighean làn de gach nì math, tobraichean cladhaichte, fìonliosan agus liosan‐ola, agus craobhan‐meas ann am pailteas: agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad, agus dh’fhàs iad reamhar, agus bha toil‐inntinn aca ann ad mhòr‐mhaitheas‐sa. 26 Gidheadh, bha iad eas‐umhail, agus rinn iad ceannairc ad aghaidh, agus thilg iad do lagh air an cùlaibh, agus mharbh iad d’fhàidhean a thug fianais nan aghaidh, a‑chum an tilleadh ad ionnsaigh; agus dh’obraich iad mòran brosnachaidh. 27 Air an adhbhar sin thug thu thairis iad do làimh an naimhdean, a shàraich iad: agus ann an àm an airce ghlaodh iad riut, agus o na nèamhan chuala tu, agus ad mhòr‐thròcair thug thu dhaibh luchd‐saoraidh, a shaor iad à làimh an naimhdean. 28 Ach nuair a bha fois aca, rinn iad olc a‑rìs ad fhianais; uime sin dh’fhàg thu iad ann an làimh an naimhdean, agus bha uachdaranachd aca orra. Gidheadh, nuair a thill iad agus a ghlaodh iad riut, chuala tu o na nèamhan, agus shaor thu iad ad mhòr‐thròcair iomadh uair: 29 Agus thug thu fianais nan aghaidh, a‑chum an toirt air an ais a dh’ionnsaigh do lagha; gidheadh, rinn iadsan gu h‑uaibhreach, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, ach pheacaich iad an aghaidh do bhreitheanas, nithean ma nì duine, bidh e beò annta; agus tharraing iad air falbh an gualann, agus chruadhaich iad am muineal, agus chan èisdeadh iad. 30 Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean. 31 Gidheadh ann ad mhòr‐thròcair cha do chuir thu as dhaibh gu tur, agus cha do thrèig thu iad; oir is Dia gràsmhor agus tròcaireach thusa. 32 A‑nis, matà, O ar Dia‑ne, a Dhè mhòir, chumhachdaich, agus uamhasaich, a chumas coicheangal agus tròcair, na measar beag ad fhianais an sàrachadh seo uile a thàinig oirnne, air ar rìghrean, air ar n‑uachdarain, agus air ar sagartan, agus air ar fàidhean, agus air ar n‑athraichean, agus air do shluagh uile, o làithean rìghrean Asiria gu ruig an là‑an‑diugh. 33 Ach tha thusa cothromach anns gach nì a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu fìrinneach, ach rinn sinne gu h‑aingidh. 34 Cha do ghlèidh ar rìghrean, ar n‑uachdarain, ar sagartan, no ar n‑athraichean do lagh‐sa, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, agus rid theisteas leis an tug thu teisteas nan aghaidh: 35 Oir cha do rinn iad seirbhis dhut nan rìoghachd, agus anns a’ mhòr‐mhath a thug thu dhaibh, agus anns an fhearann fharsaing agus reamhar a chuir thu fan comhair; agus cha do thill iad on droch obraichean. 36 Feuch, is seirbhisich sinn an‑diugh, agus am fearann a thug thu dar n‑athraichean a dh’ithe a thoraidh agus a mhaith, feuch, is seirbhisich sinn ann. 37 Agus is mòr a thoradh do na rìghrean a chuir thu os ar cionn airson ar peacaidhean; agus tha uachdaranachd aca os cionn ar corp, agus os cionn ar sprèidhe, a rèir an toile, agus tha sinn ann an teinn mhòir. 38 Agus airson seo uile nì sinn coicheangal cinnteach, agus sgrìobhaidh sinn e; agus cuiridh ar n‑uachdarain, ar Lèbhithich, agus ar sagartan an seula ris. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society