Nehemiah 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’fheuch Sanbalat ri Nehemiah a mhaslachadh le bhith a’ togail droch sgeoil air. 15 Chrìochnaicheadh balla Ierusaleim. 17 Chuir uaislean Iùdah litrichean fealltach a dh’ionnsaidh Thobiah. 1 A‑nis nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus Gesem an t‑Arabach, agus a’ chuid eile de ar naimhdean gun do thog mi am balla, agus nach d’fhàgadh briseadh ann (ged nach do chuir mi suas anns an àm sin còmhlachan air na geatachan), 2 Chuir Sanbalat agus Gesem teachdairean am ionnsaigh, ag ràdh, Thig, agus coinnicheamaid a chèile ann an Chephirim ann an còmhnard Ono: ach smaoinich iadsan air olc a dhèanamh orm. 3 Agus chuir mi teachdairean dan ionnsaigh, ag ràdh, Tha mi a’ dèanamh obrach mòire, agus chan urrainn mi dol sìos: carson a sguireadh an obair, nuair a dh’fhàgainn‐sa i agus a rachainn sìos dur n‑ionnsaigh? 4 Gidheadh chuir iad teachdairean am ionnsaigh air an dòigh seo ceithir uairean; agus fhreagair mi iad air an dòigh cheudna. 5 An sin chuir Sanbalat am ionnsaigh air an dòigh seo an còigeamh uair a òglach fhèin, agus litir fhosgailte na làimh; 6 Anns an robh sgrìobhte: Am measg nan cinneach tha e air aithris, agus tha Gesem ag ràdh, gu bheil thusa agus na h‑Iùdhaich a’ smaoineachadh air ceannairc a dhèanamh: uime sin tha thu a’ togail a’ bhalla, a‑chum gum bi thu ad rìgh orra a rèir nam briathar seo. 7 Agus mar an ceudna dh’òrdaich thu fàidhean a ghairm mud thimcheall ann an Ierusalem, ag ràdh, Is rìgh e ann an Iùdah: agus a‑nis aithrisear don rìgh a rèir nam briathar seo. A‑nis, matà, thig, agus cuireamaid ar comhairle ri chèile. 8 An sin chuir mi fios da ionnsaigh, ag ràdh, Cha do rinneadh nithean sam bith mar a tha thu ag ràdh, ach is ann as do chridhe fhèin a tha thu gan dealbh. 9 Oir bha iad uile a’ cur eagail oirnn, ag ràdh, Lagaichear an làmhan on obair, agus cha dèanar i: ach a‑nis neartaich mise mo làmhan. 10 An sin chaidh mi a‑steach do thaigh Shemaiah, mhic Dhelaiah, mhic Mhehetabeeil, agus e air a dhruideadh suas; agus thubhairt e, Coinnicheamaid a chèile ann an taigh Dhè, ann am meadhon an teampaill, agus dùineamaid dorsan an teampaill, oir thig iad gad mharbhadh, eadhon anns an oidhche thig iad gad mharbhadh. 11 Agus thubhairt mi, An teich duine mar a tha mise? Agus cò mar a tha mise a rachadh a‑steach don teampall, a‑chum gum maireadh e beò? Cha tèid mi a‑steach. 12 Agus, feuch, dh’aithnich mi nach do chuir Dia uaithe e, ach gun do labhair e an fhàidheadaireachd seo am aghaidh: oir thug Tobiah agus Sanbalat duais dha. 13 Air an adhbhar seo thugadh duais dha a‑chum gum biodh eagal ormsa, agus gun dèanainn mar seo, agus gum peacaichinn, agus gum biodh fàth droch sgeòil aca, a‑chum gum maslaicheadh iad mi. 14 Cuimhnich thusa, mo Dhia, air Tobiah agus Sanbalat a rèir an obrach sin, agus mar an ceudna air a’ bhan‐fhàidh Noadiah, agus a’ chuid eile de na fàidhean leis am b’àill eagal a chur orm. 15 Ach chrìochnaicheadh am balla air a’ chòigeamh‐là‑fichead den mhìos Elul, ann an dà‑là‑dheug agus dà‑fhichead. 16 Agus nuair a chuala ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mun cuairt dhuinn e, thilgeadh sìos gu mòr iad nan sùilean fhèin; oir dh’aithnich iad gum b’ann le ar Dia‑ne a rinneadh an obair seo. 17 Os bàrr, anns na làithean sin chuir àrd‐uaislean Iùdah mòran litrichean gu Tobiah, agus thàinig litrichean Thobiah dan ionnsaigh‐san: 18 Oir bha mòran ann an Iùdah air toirt am mionnan dha, a chionn gum bu chliamhain e do Shechaniah mac Arah agus gun do ghabh Iohanan a mhac nighean Mhesulaim, mhic Bherechiah, na mnaoi. 19 Mar an ceudna dh’aithris iad a dheagh bhuaidhean ann am fhianais, agus dh’innis iad mo bhriathran‐sa dha. Agus chuir Tobiah litrichean uaithe gu eagal a chur orm. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society