Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Ainmean agus òrdagh an t‑sluaigh a thog balla Ierusaleim.

1 Agus dh’èirich Eliasib an t‑àrd‐shagart maille ra bhràithrean na sagartan, agus thog iad geata nan caorach: naomhaich iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan: eadhon gu ruig tùr Mheah naomhaich iad e, agus gu ruig tùr Hananeeil.

2 Agus làimh ris‐san thog fir Iericho: agus làimh riùsan thog Sacur mac Imri.

3 Ach geata an èisg thog mic Hasenaah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn.

4 Agus làimh riùsan chàraich Meremot mac Uriah, mhic Chois: agus làimh ris‐san chàraich Mesulam mac Bherechiah, mhic Mhesesabeil: agus làimh riùsan chàraich Sadoc mac Bhaanah.

5 Agus làimh riùsan chàraich na Tecòaich: ach cha do chuir an àrd‐uaislean am muineal ri seirbhis an Tighearna.

6 Agus an seann gheata chàraich Iehoiada mac Phaseah, agus Mesulam mac Bhesodeiah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, agus a ghlasan, agus a chroinn.

7 Agus làimh riùsan chàraich Melatiah an Gibeonach, agus Iadon am Meronotach, fir Ghibeoin agus Mhispah, gu ruig rìgh‐chathair an uachdarain air an taobh seo den abhainn.

8 Làimh ris‐san chàraich Udsiel mac Harhaiah, de na h‑òr‑cheàrdan: agus làimh ris‐san chàraich Hananiah, mac aoin de na lèighean, agus neartaich iad Ierusalem gu ruig am balla leathann.

9 Agus làimh riùsan chàraich Rephaiah mac Huir, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Ierusaleim.

10 Agus làimh ris‐san chàraich Iedaiah mac Harumaiph, eadhon fa chomhair a thaighe: agus làimh ris‐san chàraich Hatas, mac Hasabniah.

11 An t‑ath‐thomhas chàraich Malchiah mac Harim, agus Hasub mac Phahat‐mhòaib, agus tùr nan àmhainn.

12 Agus làimh ris‐san chàraich Salum mac Haloheis, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Ierusaleim, e fhèin agus a nigheanan.

13 Geata a’ ghlinne chàraich Hanun, agus luchd‐àiteachaidh Shanòah: thog iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus mìle làmh‐choille den bhalla, gu ruig geata an aolaich.

14 Ach geata an aolaich chàraich Malchiah mac Rechaib, fear‐riaghlaidh roinn Bhet‐hacereim: thog e e, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn.

15 Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol‐hoseh, fear‐riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh.

16 Na dhèidh‐san chàraich Nehemiah mac Asbuic, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Bhet‐suir, gu ruig fa chomhair àitean‐adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet‐agbarim.

17 Na dhèidh‐san chàraich na Lèbhithich, Rehum mac Bhani: làimh ris‐san chàraich Hasabiah, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Cheilah, na roinn fhèin.

18 Na dhèidh‐san chàraich am bràithrean, Babhai mac Henadaid, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Cheilah.

19 Agus làimh ris‐san chàraich Eser mac Iesua, fear‐riaghlaidh Mhispah, an t‑ath‐thomhas fa chomhair an dol suas don arm‐thaigh aig an tionndadh.

20 Na dhèidh‐san chàraich Baruch mac Shabai an t‑ath‐thomhas, on tionndadh gu ruig doras taigh Eliasib an t‑àrd‐shagart.

21 Na dhèidh‐san chàraich Meremot mac Uriah, mhic Acois, an t‑ath‐thomhas, o dhoras taigh Eliasib gu ruig ceann taigh Eliasib.

22 Agus na dhèidh‐san chàraich na sagartan, daoine a’ chòmhnaird.

23 Nan dèidh‐san chàraich Beniàmin agus Hasub, fa chomhair an taighe: na dhèidh‐san chàraich Asariah mac Mhaaseiah, mhic Ananiah, làimh ra thaigh.

24 Na dhèidh‐san chàraich Binui, mac Henadaid, an t‑ath‐thomhas, o thaigh Asariah gu ruig an tionndadh, agus gu ruig an oisinn.

25 Palal mac Udsai, fa chomhair an tionndaidh, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach o thaigh àrd an rìgh, a bha làimh ri cùirt a’ phrìosain: na dhèidh‐san Pedaiah mac Pharois.

26 Mar an ceudna na Netinich a bha a chòmhnaidh ann an Ophel, gu ruig fa chomhair geata an uisge a làimh na h‑àird an‑ear, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach.

27 Nan dèidh‐san chàraich na Tecòaich an t‑ath‐thomhas, fa chomhair an tùir mhòir a tha a’ dol a‑mach, gu ruig balla Opheil.

28 O thaobh shuas geata nan each chàraich na sagartan, gach aon fa chomhair a thaighe.

29 Nan dèidh‐san chàraich Sadoc mac Imeir, fa chomhair a thaighe: agus na dhèidh‐san chàraich Semaiah, mac Shechaniah, fear‐gleidhidh an dorais an ear.

30 Na dhèidh‐san chàraich Hananiah, mac Shelemiah, agus Hanun, siathamh mac Shalaiph, an t‑ath‐thomhas: na dhèidh‐san chàraich Mesulam mac Bherechiah, fa chomhair a sheòmair fhèin.

31 Na dhèidh‐san chàraich Malchiah, mac an òr‑cheàird, gu àite nan Netineach, agus nan ceannaichean fa chomhair geata Mhiphcaid, agus gu dol suas na h‑oisinn.

32 Agus o dhol suas na h‑oisinn gu geata nan caorach, chàraich na h‑òr‑cheàrdan agus na ceannaichean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan