Nehemiah 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Air leughadh an lagha dhaibh dhealaicheadh Israel on t‑sluagh mheasgta. 4 Nuair a thill Nehemiah thug e fa‑near na seòmraichean a ghlanadh. 10 Thagair e cùis nan Lèbhitheach. 15 Mu bhriseadh na Sàbaid. 23 Mu na h‑Iùdhaich a phòs mnathan coimheach. 1 Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth; 2 A chionn nach do choinnich iad clann Israeil le aran agus le uisge, agus gun do thuarasdalaich iad Balàam nan aghaidh a‑chum am mallachadh: ach thionndaidh ar Dia am mallachadh gu beannachadh. 3 A‑nis nuair a chuala iad an lagh, dhealaich iad an sluagh measgte uile o Israel. 4 Agus roimhe seo bha aig Eliasib an sagart, a chuireadh os cionn seòmar taigh ar Dè, cleamhnas ri Tobiah. 5 Agus rinn e dha seòmar mòr far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais‐bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deicheamh an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola (a dh’òrdaicheadh do na Lèbhithich, agus don luchd‐seinn, agus do na dorsairean), agus tabhartasan nan sagartan. 6 Ach nuair a thachair seo uile cha robh mise ann an Ierusalem; oir ann an dara‑bliadhna‑deug ar fhichead Artacsercseis rìgh Bhàbiloin, thàinig mi a dh’ionnsaigh an rìgh, agus an dèidh làithean àraidh fhuair mi cead on rìgh: 7 Agus thàinig mi gu Ierusalem, agus thuig mi an t‑olc a rinn Eliasib airson Thobiah, seòmar a dhèanamh dha ann an cùirtean taigh Dhè. 8 Agus ghabh mi gu ro‑olc e; agus thilg mi uile àirneis taigh Thobiah a‑mach as an t‑seòmar. 9 Agus dh’àithn mi, agus ghlan iad na seòmraichean: agus thug mi air an ais an sin soithichean taigh Dhè, an tabhartas‐bìdh agus an tùis. 10 Agus dh’aithnich mi nach tugadh seachad cuibhreannan nan Lèbhitheach; oir theich na Lèbhithich agus an luchd‐seinn a rinn an obair, gach duine a dh’ionnsaigh a fhearainn fhèin. 11 Agus thug mi achmhasan don luchd‐riaghlaidh, agus thubhairt mi, Carson a thrèigeadh taigh Dhè? Agus chruinnich mi iad ri chèile, agus shuidhich mi iad nan àite. 12 Agus thug Iùdah uile deicheamh an arbhair, agus an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na taighean‐ionmhais. 13 Agus chuir mi luchd‐coimhead os cionn nan ionmhas, Selemiah an sagart, agus Sadoc an sgrìobhaiche; agus de na Lèbhithich, Pedaiah; agus làimh riùsan Hanan mac Shacuir, mhic Mhataniah: oir mheasadh fìrinneach iad, agus bha orrasan roinn air am bràithrean. 14 Cuimhnich orm, O mo Dhia, airson seo, agus na cuir as do shealladh mo dheagh ghnìomharan a rinn mi a‑thaobh taigh mo Dhè agus a‑thaobh a fhairean. 15 Anns na làithean sin chunnaic mi ann an Iùdah daoine a’ saltairt fhìon‐amar air an t‑sàbaid, agus a’ toirt a‑steach sguab, agus a’ cur luchd air asalan; agus mar an ceudna fìon, fìondhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a‑steach do Ierusalem air là na sàbaid: agus thug mi fianais nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh. 16 Ghabh mar an ceudna Tìoraich còmhnaidh ann, a thug a‑steach iasg agus gach gnè bhathair; agus reic iad air an t‑sàbaid ri cloinn Iùdah, agus ann an Ierusalem. 17 Agus thug mi achmhasan do àrd‐uaislean Iùdah, agus thubhairt mi riu, Ciod an nì olc seo a tha sibh a’ dèanamh, agus sibh a’ briseadh là na sàbaid? 18 Nach do rinn ur n‑athraichean mar seo, agus nach tug ar Dia an t‑olc seo uile oirnne, agus air a’ bhaile seo? Agus tha sibhse a’ toirt tuilleadh feirge air Israel leis an t‑sàbaid a bhriseadh. 19 Agus nuair a thòisich geatachan Ierusaleim air a bhith dorcha ron t‑sàbaid, dh’àithn mi, agus dhruideadh na còmhlachan; agus dh’àithn mi nach biodh iad air am fosgladh gus an dèidh na sàbaid: agus cuid dem òglaich shuidhich mi aig na geatachan, a‑chum nach tigeadh eallach a‑steach air là na sàbaid. 20 Agus ghabh na ceannaichean, agus luchd‐reic gach gnè bhathair, tàmh an taobh a‑muigh de Ierusalem uair no dhà. 21 Agus thug mi fianais nan aghaidh, agus thubhairt mi riu, Carson a tha sibh a’ gabhail tàimh fa chomhair a’ bhalla? Ma nì sibh a‑rìs e, leagaidh mi làmh oirbh. On àm sin cha tàinig iad tuilleadh air an t‑sàbaid. 22 Agus dh’àithn mi do na Lèbhithich, a bha gan glanadh fhèin, agus a thàinig a ghleidheadh nan geatachan, gun naomhaicheadh iad là na sàbaid. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑thaobh seo mar an ceudna, agus caomhain mi a rèir meud do thròcair. 23 Mar an ceudna, anns na làithean sin chunnaic mi Iùdhaich a phòs mnathan de Asdod, de Amon, agus de Mhòab. 24 Agus labhair an clann leth ann an cainnt Asdoid, agus cha b’urrainn iad labhairt ann an cainnt nan Iùdhach, ach a rèir cainnt an dà shluaigh. 25 Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic‐san, agus nach gabhadh iad an nigheanan‐san dam mic no dhaibh fhèin. 26 Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh. 27 An èisd sinn ribh, matà, gus an t‑olc mòr seo uile a dhèanamh, gu peacachadh an aghaidh ar Dè, le mnathan coimheach a phòsadh? 28 Agus bha aon de mhic Ioiada, mhic Eliasib an t‑àrd‐shagart, na chliamhain aig Sanbalat an t‑Horonach: uime sin dh’fhògair mi uam e. 29 Cuimhnich orra, O mo Dhia, a chionn gun do thruaill iad an t‑sagartachd, agus coicheangal na sagartachd agus nan Lèbhitheach. 30 Mar seo ghlan mi iad o gach coigreach, agus dh’òrdaich mi fairean nan sagart agus nan Lèbhitheach, gach aon na ghnothach fhèin: 31 Agus airson nan tabhartas‐fiodha, aig àmannan suidhichte, agus airson nan ciad‐thoradh. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑chum maith. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society