Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh, agus na daoine a thairg iad fhèin gu toileach, ann an Ierusalem: 20 ghabh a’ chuid eile den t‑sluagh còmhnaidh gach duine na sheilbh fhèin.

1 Agus chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’ chuid eile den t‑sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, am baile naomh, agus gum biodh naoi earrannan anns na bailtean eile.

2 Agus bheannaich an sluagh na daoine uile a thairg iad fhèin gu toileach gu còmhnaidh a ghabhail ann an Ierusalem.

3 Agus is iad seo cinn na mòr‐roinne, a chòmhnaich ann an Ierusalem, agus ann am bailtean Iùdah: ghabh gach aon còmhnaidh na sheilbh fhèin, nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na Netinich, agus mic seirbhisich Sholaimh.

4 Agus chòmhnaich ann an Ierusalem de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin: de chloinn Iùdah: Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mahaleleeil, de chloinn Phereis:

5 Agus Maaseiah mac Bharuich, mhic Cholhoseh, mhic Hasaiah, mhic Adaiah, mhic Ioarib, mhic Shechariah, mhic Shiloni.

6 Mic Phereis uile a chòmhnaich ann an Ierusalem, ceithir cheud, trì‐fichead agus ochd fir threuna.

7 Agus is iad seo mic Bheniàmin; Salu mac Mhesulaim, mhic Ioeid, mhic Phedaidh, mhic Cholaiah, mhic Mhaaseiah, mhic Itieil, mhic Iesaiah.

8 Agus na dhèidh‐san Gabai, Salai, naoi ceud, fichead agus a h‑ochd.

9 Agus Ioel mac Shichri na fhear‐amhairc thairis orra; agus Iùdah mac Shenuah an dara fear os cionn a’ bhaile.

10 De na sagartan: Iedaiah, Ioiarib, Iachin,

11 Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit, mhic Ahituib, fear‐riaghlaidh taigh Dhè.

12 Agus am bràithrean a rinn obair an taighe, ochd ceud, fichead agus a dhà: agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phelaliah, mhic Amsi, mhic Shechariah, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah,

13 Agus a bhràithrean, cinn nan athraichean, dà cheud, dà‑fhichead agus a dhà: agus Amasai mac Asareeil, mhic Ahasai, mhic Mhesilemoit, mhic Imeir,

14 Agus am bràithrean, fir chomasach ghaisgeil, ceud, fichead agus a h‑ochd: agus na fhear‐coimhead thairis orra Sabdiel, mac aoin de na daoine mòra.

15 Agus de na Lèbhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, mhic Bhuni;

16 Agus Sabetai, agus Iosabad, de chinn nan Lèbhitheach, os cionn obair taigh Dhè on leth a‑muigh.

17 Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.

18 Na Lèbhithich uile anns a’ bhaile naomh, dà cheud, ceithir‐fichead agus a ceithir.

19 Agus na dorsairean, Acub, Talmon, agus am bràithrean a bha ri faire aig na geatachan, ceud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug.

20 Agus bha a’ chuid eile de Israel, na sagartan, agus na Lèbhithich, ann an uile bhailtean Iùdah, gach fear na sheilbh fhèin.

21 Ach ghabh na Netinich còmhnaidh ann an Ophel; agus bha Siha agus Gispa os cionn nan Netineach.

22 Agus b’e fear‐coimhead‐thairis nan Lèbhitheach ann an Ierusalem Udsi mac Bhani, mhic Hasabiah, mhic Mhataniah, mhic Mhicah. De mhic Asaiph, bha an luchd‐seinn, fa chomhair obair taigh Dhè:

23 Oir b’i àithne an rìgh man timcheall gum biodh cuibhreann àraidh airson an luchd‐seinn, a dhlighe fhèin air gach là.

24 Agus bha Petaiah mac Mheses‐abeeil, de chloinn Sherah mhic Iùdah, aig làimh an rìgh anns gach cùis a‑thaobh an t‑sluaigh.

25 Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat‐arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga,

26 Agus ann an Iesua, agus ann am Moladah, agus ann am Bet‐pelet,

27 Agus ann an Hasar‐sual, agus ann am Beer‐sèba agus na bhailtean beaga,

28 Agus ann an Siclag, agus ann am Meconah agus na bhailtean beaga,

29 Agus ann an En‑rimon, agus ann an Sareah, agus ann an Iarmut,

30 Sanòah, Adulam, agus nam bailtean beaga, ann an Lachis agus na fhearann, ann an Asecah agus na bhailtean beaga. Agus chòmhnaich iad o Bheer‐sèba gu ruig gleann Hinoim;

31 Agus mic Bheniàmin o Gheba, ann am Michmas, agus Aia, agus Betel agus na bhailtean beaga;

32 Ann an Anatot, Nob, Ananiah,

33 Hasor, Ramah, Gitaim,

34 Hadid, Seboim, Nebalat,

35 Lod, agus Ono, gleann an luchd‐ceàirde.

36 Agus de na Lèbhithich bha roinnean ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan