Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nahum 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Mòrachd an Tighearna. 7 Bithidh e na dhaingneach làidir dhaibh‐san a chuireas an dòchas ann; 8 ach bheir e crìoch iomlan air a naimhdean.

1 An fhàistneachd mu thimcheall Ninebheh. Leabhar sealladh Nahum an t‑Elcosach.

2 Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean.

3 Tha an Tighearna mall a‑chum feirge, agus mòr ann an cumhachd, agus cha saor an Tighearna air chor air bith an t‑aingidh. Anns a’ chuairt‐ghaoith agus anns an doininn tha a shlighe, agus is iad na neòil luaithre a chas.

4 Bheir e achmhasan don fhairge, agus nì e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h‑aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; agus tha blàth Lebanoin air crìonadh.

5 Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd‐àiteachaidh.

6 Cò as urrainn seasamh ro a fheirg‐san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian‐theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.

7 Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

8 Ach le tuil a’ ruith thairis bheir e crìoch iomlan air an dream a dh’èireas na aghaidh; agus ruaigidh dorchadas a naimhdean.

9 Ciod a tha sibh a’ smaoineachadh an aghaidh an Tighearna? Nì e crìoch iomlan; chan èirich àmhghar suas an dara uair.

10 Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn‐thioram.

11 Asadsa chaidh aon a‑mach a dhealbh uilc an aghaidh an Tighearna; droch fhear‐comhairle.

12 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Ged tha iad sàmhach, agus fòs lìonmhor, gidheadh gearrar as iad, agus siùbhlaidh iad air falbh. Ged rinn mi thusa a chlaoidh, cha chlaoidh mi thu nas mò.

13 Oir a‑nis brisidh mi a chuing‐san dhìot, agus sgaoilidh mi as a chèile do chuibhrichean.

14 Agus thug an Tighearna àithne mud thimcheall, nach froisear a‑mach d’ainm nas mò. A‑mach à taigh do dhiathan gearraidh mise an ìomhaigh shnaidhte, agus an ìomhaigh leaghte; òrdaichidh mi d’uaigh, oir dh’fhàs thu gràineil.

15 Feuch air na slèibhtean casan an tì a tha a’ toirt deagh sgeòil leis, a tha a’ craobh‐sgaoileadh sìthe: O Iùdah, glèidh d’àrd‐fhèillean; coilean do bhòidean: oir cha siubhail an t‑aingidh nas mò tromhad; tha e gu tur air a ghearradh as.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan