Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Micah 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir an eaglais a muinghinn ann an Dia. 8 Rinn i gàirdeachas na dòchas ri saorsa. 11 Thug Dia misneach dhi le bhith a’ gealtainn gun smachdaicheadh e a naimhdean. 18 Tròcairean Dhè a thaobh a shluaigh.

1 Mo thruaighe mise! Oir dh’fhàs mi mar luchd‐tionail a’ mheas‐shamraidh; mar luchd‐dìoghlaim an fhìon‐fhogharaidh: chan eil aon bhagaid ra ithe: tha m’anam ag iarraidh a’ chiad‐thoraidh.

2 Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

3 A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am britheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.

4 Tha an tì as fheàrr dhiubh mar dhris: tha an tì as ionraice nam measg mar phris dhroighinn: is i seo là do luchd‐faire; tha do smachdachadh air teachd; a‑nis bidh iad ann an imcheist.

5 Na earbaibh à caraid; na cuiribh muinghinn ann am fear‐iùil: on tè a laigheas ann ad uchd glèidh dorsan do bheòil.

6 Oir tha am mac a’ toirt eas‐onoir don athair; tha an nighean ag èirigh suas an aghaidh a màthar, bean a’ mhic an aghaidh a màthar‐chèile: is iad naimhdean duine muinntir a thaighe fhèin.

7 Ach seallaidh mise ris an Tighearna: bidh mo dhòchas ann an Dia mo shlàinte: èisdidh mo Dhia rium.

8 Na dèan gàirdeachas am aghaidh, O mo nàmhaid; ged thuit mi, èiridh mi; ged shuidheam ann an dorchadas, bidh an Tighearna na sholas dhomh.

9 Giùlainidh mi corraich an Tighearna, a chionn gun do pheacaich mi na aghaidh; gus an tagair e mo chùis, agus an toir e breith air mo shon: bheir e a‑mach mi a‑chum an t‑solais; chì mi a fhìreantachd.

10 Agus chì mo nàmhaid sin, agus còmhdaichidh nàire ise a thubhairt rium, Càit a bheil an Tighearna do Dhia? Chì do shùilean am miann oirre; a‑nis saltrar sìos i mar chlàbar nan sràidean.

11 Anns an là anns am bi do bhallachan air an togail, anns an là sin cuirear am fad uat an t‑òrdagh.

12 Anns an là sin fòs thig iad ad ionnsaigh o Asiria, agus o na bailtean daingnichte, agus on daingneach eadhon gus an abhainn, agus o fhairge gu fairge, agus o shliabh gu sliabh.

13 Gidheadh bidh an talamh na fhàsach, airson a luchd‐àiteachaidh, airson toradh an dèanadais.

14 Beathaich do shluagh led luirg, treud d’oighreachd, a tha a’ gabhail còmhnaidh gu h‑uaigneach anns an fhrìth; ann am meadhon Charmeil ionaltradh iad, ann am Basan, agus an Gilead, mar anns na làithean o shean.

15 Mar anns na làithean anns an tàinig iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, nochdaidh mise dhaibh nithean mìorbhaileach.

16 Chì na cinnich, agus bidh iad fo amhluadh airson an uile chumhachd: cuiridh iad an làmh air am beul, bidh an cluasan bodhar.

17 Imlichidh iad an duslach mar nathair; gluaisidh iad a‑mach as an tuill mar chnuimhean na talmhainn: bidh eagal orra ron Tighearna ar Dia‑ne, agus bidh iad fo gheilt air do shon‐sa.

18 Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

19 Tillidh e a‑rìs, gabhaidh e truas dhinn; còmhdaichidh e ar n‑easaontais: seadh, tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge.

20 Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan