Micah 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Bha còmhstri aig an Tighearna ri a shluagh airson am mì‑thaingealachd. 13 Thug e achmhasan dhaibh airson an aingidheachd, 16 agus airson an iodhal‐adhraidh. 1 Èisdibh‐se a‑nis ciod a tha an Tighearna ag ràdh: Eirich, tagair fa chomhair nam beann, agus cluinneadh na cnuic do ghuth. 2 Eisdibh‐se, O shlèibhtean, còmhstri an Tighearna; agus sibhse, a bhunaitean làidir na talmhainn: oir tha còmhstri aig an Tighearna ra shluagh, agus tagraidh e ri Israel. 3 O mo shluagh, ciod a rinn mise ort? Agus ciod anns an do sgìthich mi thu? Tog fianais am aghaidh. 4 Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam. 5 O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna. 6 Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean‐loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois? 7 Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad‐ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama? 8 Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia? 9 Tha guth an Tighearna a’ glaodhaich ris a’ bhaile, agus bheir an duine glic fa‑near d’ainm: èisdibh‐se an t‑slat, agus an Tì a dh’òrdaich i. 10 A bheil fhathast ionmhasan na h‑aingidheachd ann an taigh an droch dhuine; agus an tomhas gann a tha gràineil? 11 Am meas mise glan i leis na meidhean eucorach, agus le màla nan tomhaisean cealgach? 12 Aig a bheil a daoine beartach làn ainneirt; agus labhair a luchd‐àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach nam beul. 13 Uime sin tionnsganaidh mise air do bhualadh, air do dhèanamh fàs airson do lochdan. 14 Ithidh tu, ach cha sàsaichear thu; agus bidh do leagadh ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghlèidh thu: agus an nì sin a ghlèidheas tu, bheir mise don chlaidheamh. 15 Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu meas a’ chroinn‐ola, ach chan ung thu thu fhèin le ola; agus dearcan an fhìon nuaidh, ach chan òl thu fìon. 16 Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn‐sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd‐àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh‐sa. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society