Micah 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 An t‑àm anns an d’rinn Micah fàidheadaireachd. 2 Nochd e fearg Dhè an aghaidh Israeil agus Iùdah airson an iodhal‐adhraidh. 10 Caoidh an fhàidh. 1 Facal an Tighearna, a thàinig gu Micah am Morastach, ann an làithean Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah; a chunnaic e a‑thaobh Shamaria agus Ierusaleim. 2 Èisdibh, O shlòigh, an t‑iomlan dhibh: thoir fa‑near, O thalaimh, agus na h‑uile a tha ann; agus biodh an Tighearna Iehòbhah na fhianais nur n‑aghaidh, an Tighearna as a theampall naomh. 3 Oir feuch, thig an Tighearna a‑mach as a àite; agus thig e a‑nuas, agus saltraidh e air ionadan àrda na talmhainn. 4 Agus leaghar na slèibhtean foidhe, agus sgoiltear na glinn: mar chèir fa chomhair an teine, mar uisgeachan a dhòirtear thar bruaich chorraich. 5 Airson easaontas Iàcoib tha seo uile, agus airson lochdan taigh Israeil. Ciod e easaontas Iàcoib? Nach e Samaria? Agus ciod iad ionadan àrda Iùdah? Nach iad sin a tha ann an Ierusalem? 6 Uime sin nì mise Samaria na càrn anns a’ mhachair, na h‑àit airson suidheachadh fhìonlios; agus taomaidh mi sìos a clachan don ghleann, agus leigidh mi ris a bunaitean. 7 Agus brisear a dealbhan snaidhte gu lèir nam bloighdean, agus loisgear a tuarasdal gu lèir le teine, agus an t‑iomlan de a h‑iodhalan leagaidh mise sìos nan làraich: oir de thuarasdal strìopaich chruinnich i a h‑ionmhasan; agus gu tuarasdal strìopaich tillidh iad. 8 Air an adhbhar sin nì mise caoidh agus àrd‐ghul; siùbhlaidh mi rùisgte agus lomnochd: nì mi caoidh mar na dràgoin, agus cumha mar nigheanan na caillich‐oidhche. 9 Oir tha a creuchd do‑leigheas, oir thàinig i gu Iùdah; thàinig i gu geata mo shluaigh‐sa, gu Ierusalem. 10 Na cuiribh an cèill e ann an Gat; na guilibh air aon chor; ann an taigh Aphrah aornagain thu fhèin anns an luaithre. 11 Imich air falbh, a bhean‐àiteachaidh Shaphir, led nàire air a leigeadh ris: cha deachaidh luchd‐àiteachaidh Shanam a‑mach gu tuireadh: O Bheteseil, gheibh e uaibhse àite‐seasaimh. 12 Gu dearbh tha bean‐àiteachaidh Mharoit a’ feitheamh airson maith; gu dearbh thàinig olc a‑nuas on Tighearna gu geata Ierusaleim. 13 Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa a tha ag àiteachadh Lacheis. B’ise bu toiseach peacaidh do nighinn Shioin: oir annadsa fhuaireadh easaontais Israeil. 14 Uime sin bheir thu tìodhlacan do Mhoreset‐Gat: bidh taighean Achsib nam mealladh do rìghrean Israeil. 15 Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh‐sa, O bhean‐àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil. 16 Dèan maol thu fhèin, agus dèan do bhearradh airson do chloinn àillidh; sgaoil, mar an iolair, do mhaoile; oir dh’fhalbh iad uat ann am braighdeanas. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society