Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 28 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha aiseirigh Chrìosd air a’ cur an cèill do na mnathan: 9 nochd Crìosd e fhèin dhaibh. 11 Thug na h‑àrd‐shagairt airgead do na saighdearan a‑chum gun abradh iad gun do ghoideadh as an uaigh e.

1 An dèidh na sàbaid, aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe.

2 Agus, feuch, bha crith‐thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre.

3 Agus bha a ghnùis mar dhealanach, agus a aodach geal mar shneachd.

4 Agus air eagal roimhe chriothnaich an luchd‐coimhead, agus chaidh iad an riochd mairbh.

5 Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.

6 Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.

7 Agus imichibh gu luath, agus innsibh da dheisciobail gun d’èirich e o na mairbh: agus, feuch, tha e a’ dol romhaibh do Ghalile; an sin chì sibh e; feuch, thubhairt mise ribh e.

8 Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr‐ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.

9 Agus ag imeachd dhaibhsan a dh’innse da dheisciobail, feuch, thachair Iosa fhèin orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh. Agus thàinig iad am fagas dha, agus rug iad air a chasan, agus rinn iad adhradh dha.

10 An sin thubhairt Iosa riu, Na biodh eagal oirbh: imichibh, abraibh rim bhràithrean iadsan a dhol do Ghalile, agus an sin chì iad mi.

11 Agus nuair a bha iadsan ag imeachd, feuch, thàinig cuid den luchd‐faire don bhaile, agus nochd iad do na h‑àrd‐shagartan gach nì a thachair.

12 Agus air cruinneachadh dhaibhsan an ceann a chèile maille ris na seanairean, agus air gabhail comhairle dhaibh, thug iad mòran airgid do na saighdearan,

13 Ag ràdh, Abraibh‐se gun tàinig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun do ghoid iad e, nuair a bha sinne nar cadal.

14 Agus ma chluinneas an t‑uachdaran seo, cuiridh sinne impidh air, agus nì sinn sibhse tèarainte.

15 Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.

16 An sin chaidh an t‑aon‐deisciobal‐deug do Ghalile, don bheinn far an d’òrdaich Iosa dhaibh.

17 Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha: ach bha cuid aca fo amharas.

18 Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

19 Uime sin imichibh‐se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

20 A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan