Mata 26 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ghabh na h‑uachdarain comhairle a‑chum Iosa a ghlacadh, agus a chur gu bàs. 6 Dh’ung bean àraidh a cheann le ola luachmhoir. 14 Reic Iùdas e ris na h‑àrd‐shagairt. 17 Dh’ith Crìosd a’ chàisg maille ra dheisciobail. 1 Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo uile, gun dubhairt e ra dheisciobail, 2 Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh. 3 An sin chruinnich uachdarain nan sagart, agus na sgrìobhaichean, agus seanairean a’ phobaill, gu talla an àrd‐shagairt, den goirear Caiaphas, 4 Agus ghabh iad comhairle le chèile a‑chum Iosa a ghlacadh le foill, agus a chur gu bàs. 5 Ach thubhairt iad, Na dèanamaid e anns an fhèill, air eagal gum bi buaireas am measg a’ phobaill. 6 Agus air do Iosa a bhith ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, 7 Thàinig bean da ionnsaigh aig an robh bocsa alabastair làn de ola ro‑luachmhor, agus dhòirt i air a cheann e, agus e na shuidhe aig biadh. 8 Ach nuair a chunnaic a dheisciobail sin, bha fearg orra, ag ràdh, Ciod as ciall don ana‐caitheamh seo? 9 Oir dh’fhaodadh an ola seo a bhith air a reic air mhòran, agus a bhith air a toirt do na bochdan. 10 Ach air aithneachadh seo do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ cur dragh air a’ mhnaoi? Oir rinn i deagh obair dhòmhsa. 11 Oir tha na bochdan agaibh a‑ghnàth maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth. 12 Oir air dòrtadh na h‑ola seo dhi air mo chorp‐sa, is ann fa chomhair m’adhlacaidh a rinn i e. 13 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè àite anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu h‑iomlan, aithrisear an nì a rinn a’ bhean seo, mar chuimhne oirre. 14 An sin dh’imich aon den dà‑fhear‐dheug, dom b’ainm Iùdas Iscariot, a‑chum nan àrd‐shagart. 15 Agus thubhairt e, Ciod a bheir sibh dhòmhsa, agus brathaidh mi dhuibh e? Agus chòrd iad ris air dheich‐buinn‐fhichead airgid. 16 Agus on àm sin a‑mach dh’iarr e fàth air esan a bhrath. 17 Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo‐ghortaichte, thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh ris, Càit an àill leat sinne a dh’ullachadh dhut, a‑chum gun ith thu a’ chàisg? 18 Agus thubhairt esan, Rachaibh don bhaile gu a leithid seo de dhuine, agus abraibh ris, Tha am Maighistir ag ràdh, Tha m’àm am fagas: cumaidh mi a’ chàisg aig do thaigh‐sa maille rim dheisciobail. 19 Agus rinn na deisciobail mar a dh’òrdaich Iosa dhaibh, agus dheasaich iad a’ chàisg. 20 Agus nuair a thàinig am feasgar, shuidh e maille ris an dà‑fhear‐dheug. 21 Agus ag ithe dhaibh, thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath fear dhibh mise. 22 Agus bha iad ro‑bhrònach, agus thòisich gach aon aca fa‑leth air a ràdh ris, Am mise e, a Thighearna? 23 Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An tì a thumas a làmh anns a’ mhèis maille riumsa, brathaidh esan mi. 24 Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e. 25 An sin fhreagair Iùdas a bhrath e, agus thubhairt e, A Mhaighistir, am mise e? Thubhairt esan ris, Thubhairt thu. 26 Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp‐sa. 27 Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibh e, ag ràdh, Olaibh uile dheth: 28 Oir is i seo m’fhuil‐sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean. 29 Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar. 30 Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann‐ola. 31 An sin thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd; oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda. 32 Ach an dèidh dhòmhsa èirigh a‑rìs, thèid mi romhaibh do Ghalile. 33 Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Ged gheibh na h‑uile dhaoine oilbheum annad, chan fhaigh mise oilbheum gu bràth. 34 Thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air an oidhche seo fhèin mun goir an coileach, gun àich thu mi trì uairean. 35 Thubhairt Peadar ris, Ged b’èiginn dhomh bàsachadh maille riut, chan àich mi thu. Agus thubhairt na deisciobail uile mar an ceudna. 36 An sin thàinig Iosa maille riu gu ionad den goirear Getsemane, agus thubhairt e ris na deisciobail, Suidhibh‐se an seo gus an tèid mise a dhèanamh ùrnaigh an siud. 37 Agus thug e Peadar leis, agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith brònach, agus ro‑dhoilgheasach. 38 An sin thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh‐se an seo, agus dèanaibh faire maille riumsa. 39 Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa. 40 Agus thàinig e a‑chum nan deisciobal, agus fhuair e nan cadal iad, agus thubhairt e ri Peadar, An ann mar sin, nach b’urrainn sibh faire a dhèanamh aon uair a‑mhàin maille riumsa? 41 Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha gun amharas an spiorad togarrach; ach tha an fheòil anfhann. 42 A‑rìs an dara uair, dh’imich e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, O m’Athair, mura faodar gun tèid an cupan seo seachad orm gun mi ga òl, do thoil‐sa gu robh dèante. 43 Agus thàinig e agus fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom. 44 Agus dh’fhàg e iad, agus dh’imich e a‑rìs, agus rinn e ùrnaigh an treas uair, ag ràdh nam briathar ceudna. 45 An sin thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois; feuch, tha an uair air druideadh, agus tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan pheacach. 46 Eiribh, imicheamaid: feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas. 47 Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear‐dheug, agus maille ris cuideachd mhòr le claidheamhan agus bataichean o na h‑àrd‐shagartan agus o sheanairean a’ phobaill. 48 A‑nis bha an tì a bhrath esan air tabhairt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach a phògas mise, is e sin e; dèanaibh greim air. 49 Agus air ball thàinig e a‑chum Iosa, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e. 50 Ach thubhairt Iosa ris, A charaid, carson a thàinig thu? An sin thàinig iad, agus chuir iad làmh ann an Iosa, agus ghlac iad e. 51 Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd‐shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth. 52 An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh. 53 An saoil thusa nach faod mise a‑nis m’Athair a ghuidhe, agus bheir e dhomh tuilleadh na dà‑lègion‐dheug de ainglean? 54 Ach cionnas an sin a bhiodh na sgriobtairean air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo as èiginn tachairt? 55 Anns an uair sin fhèin thubhairt Iosa ris an t‑sluagh, An tàinig sibh a‑mach mar gum b’ann an aghaidh gadaiche, le claidheamhan agus bataichean a‑chum mise a ghlacadh? Bha mi gach là am shuidhe maille ribh anns an teampall a’ teagasg agus cha do chuir sibh làmh annam. 56 Ach thachair seo uile a‑chum gum biodh sgriobtairean nam fàidhean air an coileanadh. An sin thrèig na deisciobail uile e, agus theich iad. 57 Agus air dhaibhsan Iosa a ghlacadh, thug iad leo e gu Caiaphas an t‑àrd‐shagart, far an robh na sgrìobhaichean agus na seanairean air cruinneachadh. 58 Ach lean Peadar e fad uapa, eadhon gu talla an àrd‐shagairt, agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e maille ris na seirbhisich a dh’fhaicinn na crìche. 59 Agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na seanairean, agus a’ chomhairle uile, fianais bhrèige an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs. 60 Ach cha d’fhuair iad i: seadh, ged a thàinig mòran fhianaisean brèige, cha d’fhuair iad i. Fa‑dheòidh thàinig dà fhianais bhrèige. 61 Agus thubhairt iad, Thubhairt am fear seo, Is urrainn mise teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rìs ann an trì làithean. 62 Agus air don àrd‐shagart èirigh, thubhairt e ris, Nach freagair thu a’ bheag? Ciod e a tha iad sin a’ toirt am fianais ad aghaidh? 63 Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd‐shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè. 64 Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh. 65 An sin reub an t‑àrd‐shagart a aodach, ag ràdh, Gun do labhair e toibheum; ciod am feum tuilleadh a tha againn air fianaisean? Feuch, a‑nis chuala sibh a thoibheum. 66 Ciod i ur barail‐se? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Tha e toillteanach air a’ bhàs. 67 An sin thilg iad smugaid na aodann, agus bhuail iad lem basan e; agus ghabh cuid eile air le slatan, 68 Ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd dhuinn, a Chrìosd. Cò e a bhuail thu? 69 Agus shuidh Peadar a‑mach anns an talla: agus thàinig cailinn àraidh da ionnsaigh, ag ràdh, Bha thusa mar an ceudna maille ri Iosa o Ghalile. 70 Ach dh’àich esan nan làthair uile, ag ràdh, Chan eil fhios agam ciod a tha thu ag ràdh. 71 Agus air dol a‑mach dha don fhor‐dhoras, chunnaic cailinn eile e, agus thubhairt i riùsan a bha an sin, Bha am fear seo mar an ceudna maille ri Iosa o Nàsaret. 72 Agus dh’àich e a‑rìs le mionnan, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. 73 Agus tamall beag na dhèidh sin thàinig an dream a bha nan seasamh an làthair, agus thubhairt iad ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud fhèin a tha thusa; oir tha do chainnt gad bhrath. 74 An sin thòisich e ri mallachadh agus mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. Agus air ball ghoir an coileach. 75 Agus chuimhnich Peadar briathran Iosa, a thubhairt ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. Agus air dol a‑mach dha, ghuil e gu goirt. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society