Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’innis Crìosd ro‑làimh sgrios Ierusaleim: 3 ciod iad agus cia mòr na trioblaidean a bhitheas roimhe sin: 29 comharraidhean a theachd gu breitheanas. 36 Do bhrìgh gu bheil là a’ bhreitheanais falaichte, is còir do gach neach faire a dhèanamh.

1 Agus chaidh Iosa a‑mach, agus dh’imich e on teampall; agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, a nochdadh dha aitreabh an teampaill.

2 Agus thubhairt Iosa riu, Nach faic sibh iad seo uile? Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh nach fàgar clach air muin cloiche an seo nach tilgear sìos.

3 Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann‐ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd‐sa, agus crìoch an t‑saoghail?

4 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh:

5 Oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.

6 Agus cluinnidh sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean: thugaibh an aire nach bi sibh fo amhluadh: oir is èiginn do na nithean sin uile teachd gu crìch, ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

7 Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean‐talmhainn ann am mòran àitean.

8 Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean.

9 An sin bheir iad thairis sibh a‑chum àmhghair, agus marbhaidh iad sibh, agus bidh fuath aig gach uile chinneach dhuibh air sgàth m’ainme‐sa.

10 Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile.

11 Agus èiridh mòran fhàidhean brèige, agus meallaidh iad mòran.

12 Agus do bhrìgh gum bi an eucoir air a meudachadh, fuaraichidh gràdh mhòran.

13 Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

14 Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.

15 Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),

16 An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann:

17 An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:

18 Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.

19 Agus is an‑aoibhinn do na mnathan torrach, agus dhaibhsan a bheir cìoch uapa anns na làithean sin.

20 Ach guidhibh‐se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh no air an t‑sàbaid:

21 Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

22 Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh feòil sam bith air a tèarnadh: ach airson nan daoine taghte bidh na làithean sin air an giorrachadh.

23 An sin ma their aon duine ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no an siud; na creidibh e:

24 Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

25 Feuch, dh’innis mi dhuibh e ro‑làimh.

26 Uime sin ma their iad ribh, Feuch, tha e anns an fhàsach, na rachaibh a‑mach: feuch, tha e anns na seòmraichean uaigneach, na creidibh sin.

27 Oir mar a thig an dealanach on àird an ear, agus a dhealraicheas e gus an àird an iar, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

28 Oir ge bè àite anns am bi a’ chairbh, is ann an sin a chruinnichear na h‑iolairean.

29 Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

30 Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.

31 Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall‐truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth‐iomall nèimh gus an leth‐iomall eile.

32 Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann‐fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh:

33 Agus mar an ceudna, nuair a chì sibhse na nithean sin uile, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan.

34 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tèid an ginealach seo fhèin thairis gus an tachair na nithean seo uile.

35 Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh.

36 Ach chan eil fios an là no na h‑uaire sin aig duine air bith, no fòs aig ainglean nèimh, ach aig m’Athair‐sa a‑mhàin.

37 Ach amhail a bha làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

38 Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc,

39 Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

40 An sin bidh dithis air a’ mhachair; gabhar fear aca, agus fàgar am fear eile.

41 Bidh dithis bhan a’ meileadh anns a’ mhuileann; gabhar aon dhiubh, agus fàgar an aon eile.

42 Uime sin dèanaibh‐se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.

43 Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear‐an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.

44 Uime sin, bithibh‐se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.

45 Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?

46 Is beannaichte an t‑òglach sin a gheibh a thighearna, ri àm dha teachd, a’ dèanamh mar sin.

47 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn a mhaoin gu h‑iomlan.

48 Ach ma their an droch sheirbhiseach ud na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàil na theachd;

49 Agus ma thòisicheas e air a cho‐sheirbhisich a bhualadh, agus air ithe agus òl maille ri luchd‐misge:

50 Thig tighearna an òglaich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha.

51 Agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na cealgairean: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan