Mata 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mharcaich Iosa gu Ierusalem air asail; 12 thilg e a‑mach an luchd‐reic agus ceannaich as an teampall; 18 mhallaich e an crann‐fìge, 23 chuir e na sagairt nan tosd; 28 agus chronaich e iad le cosamhlachd. 1 Agus nuair a dhruid iad ri Ierusalem, agus a thàinig iad gu Betphage, gu Sliabh nan Crann‐ola, an sin chuir Iosa dithis de a dheisciobail uaithe, 2 Ag ràdh riu, Rachaibh don bhaile a tha thall fa ur comhair, agus air ball gheibh sibh asal ceangailte ann, agus loth maille rithe: fuasglaibh, agus thugaibh am ionnsaigh iad. 3 Agus ma labhras aon duine nì air bith ribh, abraibh gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh e uaithe air ball iad. 4 Rinneadh na nithean seo uile, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh ag ràdh, 5 Innsibh do nighean Shioin, Feuch, tha do Rìgh a’ teachd ad ionnsaigh gu ciùin, agus e na shuidhe air asail, agus air searrach, mac na h‑asail. 6 Agus dh’imich na deisciobail, agus rinn iad mar a dh’àithn Iosa dhaibh; 7 Agus thug iad an asal agus an loth leo, agus chuir iad am fallaingean orra, agus chuir iad esan na shuidhe air am muin. 8 Agus sgaoil mòr‐shluagh am fallaingean air an t‑slighe; agus gheàrr dream eile geugan de na craobhan, agus leag iad air an t‑slighe iad. 9 Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan! 10 Agus nuair a thàinig e a‑steach do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, ag ràdh, Cò e seo? 11 Agus thubhairt an sluagh, Is e seo Iosa, am fàidh o Nàsaret Ghalile. 12 Agus chaidh Iosa a‑steach do theampall Dhè, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall, agus thilg e bùird luchd‐malairt an airgid thairis, agus cathraichean luchd‐reic nan calaman, 13 Agus thubhairt e riu, Tha e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh‐sa; ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e. 14 Agus thàinig na doill agus na bacaich da ionnsaigh anns an teampall, agus shlànaich e iad. 15 Agus nuair a chunnaic na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean na gnìomharan iongantach a rinn e, agus a’ chlann a’ glaodhaich anns an teampall, agus ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh, bha corraich mhòr orra, 16 Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh? 17 Agus nuair a dh’fhàg e iad, chaidh e a‑mach as a’ bhaile gu Betani, agus dh’fhan e an sin. 18 Agus nuair a thill e a‑chum a’ bhaile anns a’ mhadainn, bha acras air. 19 Agus air dha crann‐fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann‐fìge air ball. 20 Agus nuair a chunnaic na deisciobail e, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia luath a shearg an crann‐fìge as! 21 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann‐fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante: 22 Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad. 23 Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd‐shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut? 24 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus ma dh’inneas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse, air mhodh ceudna, ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. 25 Baisteadh Eòin, cia as a thàinig e? O nèamh, no o dhaoine? Ach reusonaich iadsan nam measg fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh, their esan rinn, Carson, mas eadh, nach do chreid sibh e? 26 Ach ma their sinn, O dhaoine, tha eagal a’ phobaill oirnn; oir tha meas fàidh aig gach uile dhuine air Eòin. 27 Agus fhreagair iad Iosa, agus thubhairt iad, Chan eil fhios againn. Agus thubhairt esan riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. 28 Ach ciod i ur barail‐se? Bha aig duine àraidh dithis mhac, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a’ chiad mhic, agus thubhairt e, A mhic, imich, dèan obair an‑diugh ann am ghàrradh‐fìona. 29 Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Cha dèan: ach na dhèidh sin, ghabh e aithreachas agus dh’imich e. 30 Agus thàinig e gus an dara mac, agus thubhairt e mar an ceudna. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Thèid, a thighearna; gidheadh, cha deachaidh e. 31 Cò den dithis a rinn toil a athar? Thubhairt iadsan ris, An ciad fhear. Thubhairt Iosa riu, Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun tèid na cìs‐mhaoir agus na strìopaichean do rìoghachd Dhè romhaibhse. 32 Oir thàinig Eòin dur n‑ionnsaigh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e: ach chreid na cìs‐mhaoir agus na strìopaichean e. Agus ged a chunnaic sibhse seo, cha do ghabh sibh aithreachas na dhèidh sin, a‑chum gun creideadh sibh e. 33 Eisdibh ri cosamhlachd eile: Bha fear‐taighe àraidh ann, a phlanndaich fìonlios, agus chuir e gàrradh ma thimcheall, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh an fhìona ann, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e fhèin air choigrich. 34 Agus nuair a dhruid riu àm an toraidh, chuir e a sheirbhisich a dh’ionnsaigh na tuatha, a dh’fhaotainn a thoraidh. 35 Agus rug an tuath air a sheirbhisich, agus ghabh iad air fear dhiubh, agus mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile. 36 A‑rìs, chuir e seirbhisich eile uaithe, tuilleadh na anns a’ chiad chuideachd; agus rinn iad orrasan mar an ceudna. 37 Ach mu dheireadh, chuir e a mhac fhèin dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac. 38 Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd‐san dhuinn fhèin. 39 Agus rug iad air, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. 40 Air an adhbhar sin, nuair a thig tighearna an fhìonlios sin, ciod a nì e ris an tuath sin? 41 Thubhairt iad ris, Sgriosaidh e gu truagh na droch dhaoine sin, agus suidhichidh e am fìonlios air tuath eile, a bheir a thoradh dha na aimsir fhèin. 42 Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich‐chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean‐ne? 43 Uime sin tha mi ag ràdh ribh gun toirear rìoghachd Dhè uaibhse, agus gun toirear do chinneach eile i, a bheir a toradh uapa. 44 Agus ge bè neach a thuiteas air a’ chloich seo, brisear e; ach ge bè air an tuit i, nì i mìn‐luaithre dheth. 45 Agus nuair a chuala na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich a chosamhlachdan‐san, thuig iad gum b’ann mun timcheall fhèin a labhair e. 46 Ach nuair a bu mhiann leo breith air, bha eagal a’ phobaill orra, oir bha meas fàidh acasan air. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society