Mata 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Shlànaich Crìosd a’ mhuinntir a bha tinn: 3 fhreagair e na Pharasaich mu thimcheall sgaoile‐pòsaidh: 10 nochd e cuin a tha am pòsadh feumail; 13 agus ghabh e ri cloinn bhig. 1 Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran sin, gun d’imich e o Ghalile, agus thàinig e gu crìochan Iudèa, air an taobh thall de Iòrdan: 2 Agus lean sluagh mòr e, agus shlànaich e iad an sin. 3 Thàinig na Pharasaich mar an ceudna da ionnsaigh ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur uaithe air gach uile adhbhar? 4 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean? 5 Agus thubhairt e, Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad araon nan aon fheòil. 6 Air an adhbhar sin, cha dithis iad nas mò, ach aon fheòil. Uime sin, an nì a cheangail Dia, na sgaoileadh duine. 7 Thubhairt iad ris, Carson, mas eadh, a dh’àithn Maois litir‐dhealachaidh a thabhairt dhi, agus a cur air falbh? 8 Thubhairt esan riu, Dh’fhuiling Maois dhuibhse, airson cruas ur cridhe, ur mnathan a chur uaibh: ach cha robh e mar sin o thùs. 9 Agus tha mise ag ràdh ribh, ge bè a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais: agus ge bè neach a phòsas ise a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais. 10 Thubhairt a dheisciobail ris, Mas e sin cor an fhir ra mhnaoi, chan eil am pòsadh math ra dhèanamh. 11 Ach thubhairt esan riu, Chan eil na h‑uile dhaoine comasach air a’ chainnt seo a ghabhail, ach iadsan don tugadh e. 12 Oir tha cuid nan caillteanaich, a rugadh mar sin o bhroinn am màthar; agus tha cuid de chaillteanaich ann a rinneadh nan caillteanaich le daoine; agus tha caillteanaich ann a rinn iad fhèin nan caillteanaich airson rìoghachd nèimh. Ge bè neach a tha comasach air a ghabhail da ionnsaigh, gabhadh e e. 13 An sin thugadh clann bheag da ionnsaigh, a‑chum gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh: agus chronaich na deisciobail iad. 14 Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh. 15 Agus an dèidh dha a làmhan a chur orra, dh’imich e as a sin. 16 Agus, feuch, thàinig neach agus thubhairt e ris, A Mhaighistir mhaith, ciod am math a nì mi a‑chum gum faigh mi a’ bheatha mhaireannach? 17 Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan. 18 Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige. 19 Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin. 20 Thubhairt an t‑òganach ris, Choimhead mi iad sin uile om òige: ciod a tha a dh’uireasbhaidh orm fhathast? 21 Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise. 22 Ach nuair a chuala an t‑òganach na briathran sin, dh’fhalbh e gu brònach: oir bha mòr‐shaoibhreas aige. 23 An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gu bheil e cruaidh air duine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd nèimh. 24 Agus a‑rìs tha mi ag ràdh ribh gur fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè. 25 Agus nuair a chuala a dheisciobail seo, ghabh iad iongantas mòr, ag ràdh, Cò mas eadh an neach a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh? 26 Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach. 27 An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin ciod a gheibh sinn? 28 Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath‐ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair‐dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh‐dheug Israeil. 29 Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean‐phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme‐sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd. 30 Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society