Mata 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Crìosd àithne da dheisciobail a bhith umhail agus neo‐chronail, 7 oilbheum a sheachnadh, agus gun iad a dhèanamh tàir air cloinn bhig. 15 Labhair Crìosd mu thimcheall maitheanais. 23 Cosamhlachd an rìgh a ghabh cunntas da sheirbhisich. 1 Anns an àm sin fhèin thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh, Cò as mò ann an rìoghachd nèimh? 2 Agus air do Iosa leanabh beag a ghairm da ionnsaigh, chuir e nam meadhon e. 3 Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh. 4 Air an adhbhar sin, ge bè a dh’ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e sin fhèin as mò ann an rìoghachd nèimh. 5 Agus ge bè a ghabhas aon leanaban de a leithid seo ann am ainm‐sa, gabhaidh e mise. 6 Ach ge bè neach a bheir oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ra mhuineal, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge. 7 Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum. 8 Uime sin, ma bheir do làmh no do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot iad, agus tilg uat iad: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐chois no air leth‐làimh, na dà làimh no dà chois a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeadh anns an teine shìorraidh. 9 Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i, agus tilg uat i: is fheàrr dhut dol a‑steach a‑chum na beatha air leth‐shùil, na dà shùil a bhith agad agus thu a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn. 10 Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil‐san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar‐sa a tha air nèamh. 11 Oir thàinig Mac an Duine a shaoradh an nì sin a bha caillte. 12 Ciod as barail dhuibhse? Ma bhios aig duine ceud caora, agus gun tèid aon dhiubh air seachran, nach fàg e na naoi‐caoraich‐dheug agus ceithir‐fichead air na beanntan, agus nach tèid e a dh’iarraidh na caorach a chaidh air seachran? 13 Agus ma thàrlas dha gum faigh e i, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan e tuilleadh gàirdeachais airson na caorach sin na airson nan naoi‐caorach‐dheug agus ceithir‐fichead, nach deachaidh air seachran. 14 Mar seo chan i toil ur n‑Athar‐se a tha air nèamh gun rachadh aon neach den mhuinntir bhig seo a chall. 15 Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhèin agus esan a‑mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair. 16 Ach mura èisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a‑chum gum bi gach nì air a dhèanamh seasmhach ann am beul dithis no triùir fhianaisean. 17 Agus ma dhiùltas e iadsan èisdeachd, innis don eaglais e: ach ma dhiùltas e an eaglais èisdeachd, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs‐mhaor. 18 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè air bith nithean a cheanglas sibhse air thalamh, bidh iad ceangailte air nèamh: agus ge bè air bith nithean a dh’fhuasglas sibhse air thalamh, bidh iad fuasgailte air nèamh. 19 A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair‐sa a tha air nèamh. 20 Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm‐sa, tha mise an sin nam meadhon. 21 Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair? 22 Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì‐fichead seachd uairean. 23 Air an adhbhar sin is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh lem b’àill cunntas a dhèanamh ra sheirbhisich. 24 Agus nuair a thòisich e air cunntas a dhèanamh, thugadh aon da ionnsaigh air an robh aige deich mìle tàlann: 25 Ach do bhrìgh nach robh aige nì leis an dìoladh e, dh’àithn a thighearna e fhèin, agus a bhean, agus a chlann, agus na h‑uile nithean a bha aige a reic, agus dìoladh a dhèanamh. 26 Air an adhbhar sin thuit an seirbhiseach sin sìos, agus rinn e ùmhlachd dha, ag ràdh, A thighearna, dèan foighidinn rium, agus ìocaidh mi dhut an t‑iomlan. 27 An sin air do thighearna an òglaich sin truas mòr a ghabhail dheth, leig e a chead dha, agus mhaith e na fiachan dha. 28 Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho‐sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort. 29 Agus thuit a cho‐sheirbhiseach sìos aig a chasan, agus ghuidh e air, ag ràdh, Dèan foighidinn rium, agus ìocaidh mi dhut an t‑iomlan. 30 Agus cha b’àill leis‐san sin: ach dh’imich e agus thilg e ann am prìosan e gus an ìocadh e na fiachan. 31 Agus nuair a chunnaic a cho‐sheirbhisich na nithean a rinneadh, bha iad ro‑dhuilich, agus thàinig iad, agus dh’fhoillsich iad dan tighearna gach nì a rinneadh. 32 An sin ghairm a thighearna air, agus thubhairt e ris, A dhroch sheirbhisich, mhaith mi dhut na fiachan ud uile, do bhrìgh gun do chuir thu impidh orm; 33 Nach bu chòir dhutsa, mar an ceudna, tròcair a dhèanamh air do cho‐sheirbhiseach fhèin, amhail a rinn mise tròcair ortsa? 34 Agus ghabh a thighearna fearg, agus thug e don luchd‐pianaidh e gus an ìocadh e a fhiachan uile dha. 35 Agus mar sin nì m’Athair nèamhaidh ribhse, mura maith gach aon agaibh o ur cridheachan da bhràthair an cionta. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society