Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chronaich Crìosd na sgrìobhaichean agus na Pharasaich airson àitheanta Dhè a bhriseadh len gnàthannan fhèin; 11 tha e a’ teagasg nach e an nì a thèid a‑steach don bheul a thruailleas an duine. 21 Shlànaich e nighean mnatha de mhuinntir Chanàain.

1 An sin thàinig sgrìobhaichean agus Pharasaich o Ierusalem gu Iosa ag ràdh,

2 Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.

3 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Carson a tha sibhse a’ briseadh àithne Dhè le ur gnàth fhèin?

4 Oir thug Dia àithne, ag ràdh, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus ge bè a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu bàs e.

5 Ach their sibhse, Ge bè neach a their ra athair no ra mhàthair, Biodh e na thìodhlac don teampall gach nì leis am faodadh tu buannachd fhaotainn uamsa.

6 Nach feum e urram a thabhairt da athair no da mhàthair? Mar sin chuir sibhse an neo‐bhrìgh àithne Dhè le ur gnàth fhèin.

7 A chealgairean, is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall, ag ràdh,

8 Tha an sluagh seo a’ dlùthachadh riumsa lem beul, agus a’ toirt urraim dhomh lem bilean: ach tha an cridhe fada uam.

9 Ach is ann an dìomhain a tha iad a’ dèanamh adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.

10 Agus air gairm an t‑sluaigh dha, thubhairt e riu, Eisdibh agus tuigibh:

11 Chan e an nì a thèid a‑steach anns a’ bheul a shalaicheas an duine; ach an nì a thig a‑mach as a’ bheul, is e seo a shalaicheas an duine.

12 An sin thàinig a dheisciobail, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum, an dèidh dhaibh na briathran ud a chluinntinn?

13 Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gach uile luibh nach do shuidhich m’Athair nèamhaidh‐sa, spìonar as a bhun e.

14 Leigibh leo: is cinn‐iùil dhall nan dall iad. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh iad araon anns a’ chlais.

15 Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Mìnich dhuinn an cosamhlachd sin.

16 Agus thubhairt Iosa, A bheil sibhse fhathast mar an ceudna gun tuigse?

17 Nach eil sibh a’ tuigsinn fhathast ge bè nì a thèid a‑steach anns a’ bheul, gun tèid e anns a’ bhroinn, agus gun tilgear a‑mach don t‑sloc‐shalchair e?

18 Ach na nithean sin a thig a‑mach as a’ bheul, tha iad a’ teachd on chridhe, agus is iad sin a shalaicheas an duine.

19 Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:

20 Is iad seo na nithean a shalaicheas an duine: ach ithe le làmhan gun ionnlad, cha salaich sin an duine.

21 Agus air dol do Iosa as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin.

22 Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.

23 Ach cha tug esan freagradh sam bith dhi. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, Cuir air falbh i, oir tha i a’ glaodhaich nar dèidh.

24 Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha do chuireadh mise ach a‑chum caoraich chaillte taigh Israeil.

25 An sin thàinig ise agus rinn i adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, cuidich leam.

26 Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha chòir aran na cloinne a ghlacadh, agus a thilgeadh a‑chum nan con.

27 Agus thubhairt ise, Is fìor, a Thighearna: ach ithidh na coin den spruilleach a thuiteas o bhòrd am maighistirean.

28 An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.

29 Agus air imeachd do Iosa as a sin thàinig e làimh ri fairge Ghalile; agus nuair a chaidh e suas air beinn, shuidh e sìos an sin.

30 Agus thàinig mòr‐shluagh da ionnsaigh, agus aca maille riu bacaich, doill, balbhain, daoine ciurramach, agus mòran eile, agus thilg iad sìos aig casan Iosa iad, agus shlànaich e iad:

31 Ionnas gun do ghabh an sluagh iongantas nuair a chunnaic iad na balbhain a’ labhairt, na daoine ciurramach slàn, na bacaich ag imeachd, agus na doill a’ faicinn: agus thug iad glòir do Dhia Israeil.

32 An sin ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha mi a’ gabhail truais den t‑sluagh, oir dh’fhan iad maille rium a‑nis rè trì làithean, agus chan eil nì air bith aca ra ithe: agus cha chuir mi uam nan trasg iad, air eagal gum fannaich iad air an t‑slighe.

33 Agus thubhairt a dheisciobail ris, Cia as a gheibheamaid uiread arain anns an fhàsach is a bu leòr a shàsachadh slòigh cho mòr?

34 Agus thubhairt Iosa riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd, agus beagan a dh’iasgan beaga.

35 Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an làr.

36 Agus air glacadh nan seachd buileann agus nan iasg dha, agus air tabhairt buidheachais, bhris e iad, agus thug e da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.

37 Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad den bhiadh bhriste a dh’fhàgadh làn sheachd basgaid.

38 Agus b’iad a’ mhuinntir a dh’ith, ceithir mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.

39 Agus air dha an sluagh a leigeadh uaithe, chaidh e air luing, agus thàinig e gu crìochan Mhagdala.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan