Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Barail Heroid mu thimcheall Chrìosd. 3 Chaidh an ceann a bhuntainn o Eòin Baistidh. 13 Chaidh Iosa gu ionad fàsail, 15 far an do bheathaich e còig mìle fear le còig buileannan aran, agus dà iasg. 22 Dh’imich e air an fhairge a dh’ionnsaidh a dheisciobail. 34 Shlànaich e sluagh a bha euslan.

1 Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa,

2 Agus thubhairt e ra sheirbhisich, Is e seo Eòin Baistidh; dh’èirich e o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.

3 Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin.

4 Oir thubhairt Eòin ris, Chan eil e dligheach dhut i a bhith agad.

5 Agus nuair a bu mhiann leis a chur gu bàs, bha eagal a’ phobaill air, oir bha meas fàidh aca air.

6 Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod:

7 Ionnas gun do gheall e le mionnan gun tugadh e dhi ge bè air bith nì a dh’iarradh i.

8 Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis.

9 Agus bha an rìgh duilich: ach airson a mhionnan, agus na muinntir a bha nan suidhe aig biadh maille ris, dh’àithn e a thabhairt dhi.

10 Agus air cur fir‐marbhaidh uaithe, bhuin e a cheann de Eòin anns a’ phrìosan.

11 Agus thugadh a cheann air mèis, agus thugadh don chailinn e: agus thug ise da màthair e.

12 Agus thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leo, agus dh’adhlaic iad e, agus thàinig iad agus dh’innis iad sin do Iosa.

13 Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean.

14 Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.

15 Agus nuair a b’fheasgar e, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Is àite fàsail seo, agus tha an t‑àm a‑nis air dol seachad; cuir an sluagh air falbh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin.

16 Ach thubhairt Iosa riu, Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh‐se dhaibh ra ithe.

17 Agus thubhairt iad ris, Chan eil againn an seo ach còig buileannan agus dà iasg.

18 Thubhairt esan riu, Thugaibh an seo iad am ionnsaigh‐sa.

19 Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.

20 Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn dà‑chlèibh‐dheug den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.

21 Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.

22 Agus air ball cho‐èignich Iosa a dheisciobail gu dol an luing, agus dol roimhe a‑chum an taoibh eile, gus an cuireadh esan an sluagh air falbh.

23 Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.

24 Ach bha an long anns an àm sin ann am meadhon na fairge, air a tilgeadh a‑null agus a‑nall leis na tonnan: oir bha a’ ghaoth nan aghaidh.

25 Agus anns a’ cheathramh faire den oidhche, chaidh Iosa dan ionnsaigh, ag imeachd air an fhairge.

26 Agus nuair a chunnaic na deisciobail e ag imeachd air an fhairge, bha iad fo bhuaireas, ag ràdh, Is spiorad a tha ann; agus ghlaodh iad a‑mach le eagal.

27 Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

28 Agus fhreagair Peadar e agus thubhairt e, A Thighearna, mas tusa a tha ann, iarr ormsa teachd ad ionnsaigh air na h‑uisgeachan.

29 Agus thubhairt esan, Thig. Agus nuair a bha Peadar air teachd a‑nuas as an luing, dh’imich e air na h‑uisgeachan, a‑chum teachd gu Iosa.

30 Ach nuair a chunnaic e a’ ghaoth làidir, ghabh e eagal: agus nuair a thòisich e air dol fodha, ghlaodh e, ag ràdh, A Thighearna, fòir orm.

31 Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas?

32 Agus nuair a chaidh iad a‑steach don luing, laigh a’ ghaoth.

33 An sin thàinig iadsan a bha anns an luing, agus rinn iad adhradh dha, ag ràdh, Gu fìrinneach is tu Mac Dhè.

34 Agus nuair a chaidh iad gus an taobh eile, thàinig iad gu talamh Ghenesaret.

35 Agus nuair a fhuair muinntir an àite sin fios uime, chuir iad fios air feadh na tìre sin uile air gach taobh dhiubh, agus thug iad da ionnsaigh an dream sin uile a bha easlan.

36 Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan