Mata 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Cosamhlachd an fhir‐chuir agus an t‑sìl, 18 air eadar‐mhìneachadh. 24 Cosamhlachd a’ chogail; 31 an t‑sìl mhustaird; 33 na taoise; 44 an ionmhais fhalaichte; 45 agus na neamhnaide. 54 Rinn muinntir a dhùthcha tàir air Crìosd. 1 Air an là sin fhèin chaidh Iosa a‑mach as an taigh, agus shuidh e ri taobh na fairge. 2 Agus chruinnich sluagh mòr da ionnsaigh, air chor is air dol a‑steach do luing dha, gun do shuidh e; agus sheas an sluagh uile air an tràigh. 3 Agus labhair e mòran de nithean riu ann an cosamhlachdan, ag ràdh, Feuch, chaidh fear‐cuir a‑mach a chur sìl. 4 Agus a’ cur an t‑sìl dha, thuit cuid dheth ri taobh an rathaid; agus thàinig an eunlaith agus dh’ith iad e. 5 Thuit cuid air ionadan creagach, far nach robh mòran talmhainn aige; agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhneachd talmhainn aige. 6 Ach air èirigh don ghrèin dhòthadh e; agus, do bhrìgh nach robh freumh aige, shearg e as. 7 Agus thuit cuid am measg droighinn: agus dh’fhàs an droigheann suas, agus mhùch e e. 8 Ach thuit cuid eile ann am fearann math, agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud uiread, cuid a thrì‐fichead, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread is a chuireadh. 9 Ge bè neach aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. 10 Agus thàinig na deisciobail, agus thubhairt iad ris, Carson a tha thu a’ labhairt riu ann an cosamhlachdan? 11 Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn‐diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt. 12 Oir ge bè neach aig a bheil, dhàsan bheirear, agus bidh aige an tuilleadh pailteis: ach ge bè neach aig nach eil, uaithesan bheirear eadhon an nì a tha aige. 13 Uime sin tha mise a’ labhairt riu ann an cosamhlachdan, do bhrìgh air dhaibh faicinn nach faic iad, agus a’ cluinntinn dhaibh nach cluinn iad, agus nach tuig iad. 14 Agus anntasan tha fàidheadaireachd Esaiais air a coileanadh, a tha ag ràdh, Le èisdeachd cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le amharc chì sibh, agus chan aithnich sibh. 15 Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus an cluasan mall a‑chum èisdeachd, agus dhruid iad an sùilean; air eagal uair air bith gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gum biodh iad air an iompachadh, agus gun slànaichinn‐sa iad. 16 Ach is beannaichte ur sùilean‐se, oir tha iad a’ faicinn; agus ur cluasan, oir tha iad a’ cluinntinn. 17 Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gum b’iomadh fàidh agus fìrean leis am bu mhiann na nithean seo fhaicinn, a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad: agus na nithean seo a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad. 18 Eisdibh air an adhbhar sin ri cosamhlachd an t‑sìoladair. 19 Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid. 20 Ach esan a fhuair sìol ann an àitean creagach, is e seo an tì a chluinneas am facal, agus a ghabhas e air ball le gàirdeachas; 21 Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum. 22 Esan mar an ceudna a ghabh sìol am measg an droighinn, is e seo an tì a tha a’ cluinntinn an fhacail; agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd beartais, a’ mùchadh an fhacail, agus bidh e gun toradh. 23 Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì‐fichead, agus cuid eile a dheich‐ar‑fhichead uiread is a chuireadh. 24 Chuir e cosamhlachd eile a‑mach dhaibh, ag ràdh, Is cosmhail rìoghachd nèimh ri duine a chuir sìol math na fhearann: 25 Agus nuair a bha daoine nan cadal, thàinig a nàmhaid agus chuir e cogal am measg a’ chruithneachd, agus dh’imich e roimhe. 26 Ach nuair a thàinig an t‑arbhar fo dhèis, agus a thug e a‑mach a thoradh, dh’fhoillsich an cogal e fhèin mar an ceudna. 27 Agus air teachd do sheirbhisich fhir‐an‑taighe thubhairt iad ris, A thighearna, nach do chuir thusa sìol math ann ad fhearann? Càite, mas eadh, an d’fhuair e an cogal? 28 Thubhairt esan riu, Rinn nàmhaid‐eigin seo. Agus thubhairt na seirbhisich ris, An àill leat, uime sin, gun tèid sinne agus gun cruinnich sinn ri chèile iad? 29 Ach thubhairt esan, Chan àill; air eagal nuair a chruinnicheas sibh an cogal, gun spìon sibh an cruithneachd maille ris. 30 Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd‐buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal. 31 Chuir e a‑mach cosamhlachd eile dhaibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh cosmhail ri gràinne de shìol mustaird, a ghabh neach agus a chuir e na fhearann. 32 Nì gun amharas as lugha de gach uile phòr: gidheadh air fàs dha, is e as mò de na luibheannan, agus fàsaidh e na chrann, ionnas gun tig eunlaith an adhair, agus gun dèan iad neadan na gheugan. 33 Cosamhlachd eile labhair e riu: Is cosmhail rìoghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan. 34 Na nithean sin uile labhair Iosa ris a’ phoball ann an cosamhlachdan; agus gun chosamhlachd cha do labhair e riu: 35 A‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, ag ràdh, Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill nithean a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail. 36 An sin chuir Iosa am poball air falbh, agus chaidh e a‑steach don taigh: agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Mìnich dhuinne cosamhlachd cogal an fhearainn. 37 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì a chuireas an sìol math is e Mac an Duine e: 38 Is e am fearann an domhan: agus is e an sìol math clann na rìoghachd: ach is e an cogal clann an droch spioraid: 39 Is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal: is e am fogharadh deireadh an t‑saoghail: agus is iad na buanaichean na h‑aingil. 40 Agus amhail a chruinnichear an cogal, agus a loisgear le teine e, is ann mar sin a bhios ann an deireadh an t‑saoghail seo. 41 Cuiridh Mac an Duine aingil uaithe, agus tionailidh iad as a rìoghachd na h‑uile nithean a bheir oilbheum, agus iadsan a tha a’ dèanamh aingidheachd; 42 Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn air dearg‐lasadh: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. 43 An sin dealraichidh na fìreanan mar a’ ghrian, ann an rìoghachd an Athar fhèin. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. 44 A‑rìs, tha rìoghachd nèimh cosmhail ri ionmhas air fhalach ann am fearann; nì an dèidh fhaotainn, a dh’fhalaich duine, agus air sgàth a ghàirdeachais air a shon, dh’imich e agus reic e na bha aige uile, agus cheannaich e am fearann sin. 45 A‑rìs, is cosmhail rìoghachd nèimh ri ceannaiche àraidh ag iarraidh neamhnaidean maiseach: 46 Agus air amas dha air aon neamhnaid ro‑luachmhoir, dh’imich e agus reic e na bha aige, agus cheannaich e i. 47 A‑rìs, tha rìoghachd nèimh cosmhail ri lìon air a thilgeadh anns an fhairge, agus a chruinnich de gach uile sheòrsa èisg: 48 Agus air dha a bhith làn, tharraing na h‑iasgairean e a‑chum na tràighe, agus air suidhe dhaibh, chruinnich iad na h‑èisg mhatha ann an soithichean, ach thilg iad na droch èisg a‑mach. 49 Is ann mar sin a bhios ann an deireadh an t‑saoghail: thèid na h‑aingil a‑mach, agus dealaichidh iad na droch dhaoine à measg nam fìreanan; 50 Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn theinntich: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. 51 Thubhairt Iosa riu, An do thuig sibh na nithean seo uile? Thubhairt iad ris, Thuig, a Thighearna. 52 Agus thubhairt esan riu, Air an adhbhar sin, gach uile sgrìobhaiche a tha fòghlaimte a‑chum rìoghachd nèimh, is cosmhail e ri fear‐taighe, a bheir a‑mach as ionmhas nithean nuadh agus sean. 53 Agus thachair, nuair a chrìochnaich Iosa na cosamhlachdan seo, gun d’imich e as a sin. 54 Agus nuair a thàinig e da dhùthaich fhèin, theagaisg e iad nan sionagog, ionnas gun do ghabh iad iongantas, agus gun dubhairt iad, Càit an d’fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na feartan seo? 55 Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Muire? Nach iad a bhràithrean Seumas, agus Iòses, agus Sìmon, agus Iùdas? 56 Agus a pheathraichean, nach eil iad uile maille rinn? Càit uime sin an d’fhuair an duine seo na nithean ud uile? 57 Agus fhuair iad oilbheum ann. Ach thubhairt Iosa riu, Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus na thaigh fhèin. 58 Agus cha do rinn e mòran obraichean cumhachdach an sin, airson am mì‑chreidimh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society