Marcus 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’atharraicheadh cruth Iosa. 11 Theagaisg e a dheisciobail mu thimcheall teachd Eliais: 14 thilg e a‑mach spiorad balbh agus bodhar: 30 ro‑innis e a bhàs agus aiseirigh. 1 Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd. 2 Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais. 3 Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair‐aodaich sam bith air talamh a ghealachadh. 4 Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh Elias maille ri Maois: agus bha iad a’ còmhradh ri Iosa. 5 Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo: air an adhbhar sin dèanamaid trì pàilleanan; aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon de Elias. 6 Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr. 7 Agus thàinig neul a chuir sgàil orra, agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa, èisdibh ris. 8 Agus air ball, nuair a dh’amhairc iad mun timcheall, chan fhaca iad neach air bith à sin suas, ach Iosa na aonar maille riu. 9 Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh. 10 Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh. 11 Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs? 12 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas. 13 Ach tha mi ag ràdh ribh gu bheil Elias da‑rìribh air teachd, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte uime. 14 Agus nuair thàinig e a‑chum a dheisciobal, chunnaic e sluagh mòr mun timcheall, agus na sgrìobhaichean a’ deasbaireachd riu. 15 Agus air ball bha an sluagh uile, nuair a chunnaic iad e, fo uamhas mòr, agus air dhaibh ruith da ionnsaigh, chuir iad fàilte air. 16 Agus dh’fheòraich e de na sgrìobhaichean, Ciod e mum bheil sibh a’ deasbaireachd riu? 17 Agus air freagairt do neach den t‑sluagh, thubhairt e, A Mhaighistir, thug mi mo mhac ad ionnsaigh, anns a bheil spiorad balbh: 18 Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad. 19 Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh. 20 Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul. 21 Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh. 22 Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn. 23 Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas. 24 Agus ghlaodh athair an leinibh a‑mach air ball, agus thubhairt e le deòir, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì‐chreideamh. 25 Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò. 26 Agus ghlaodh an spiorad, agus reub e gu ro‑chràiteach e, agus chaidh e a‑mach as: agus bha e an riochd mairbh, ionnas gun dubhairt mòran, Tha e marbh. 27 Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e. 28 Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? 29 Agus thubhairt esan riu, Chan eil e comasach gun tèid a ghnè seo a‑mach le nì air bith, ach le ùrnaigh agus trasgadh. 30 Agus dh’imich iad as a sin, agus chaidh iad tro Ghalile: agus cha b’àill leis a fhios seo a bhith aig aon neach. 31 Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là. 32 Ach cha do thuig iad a’ chainnt seo, agus bha eagal orra fheòraich dheth. 33 Agus thàinig e gu Capernàum; agus air dha a bhith anns an taigh, dh’fheòraich e dhiubh, Ciod e mun robh sibh a’ deasbaireachd eadaraibh fhèin air an t‑slighe? 34 Ach dh’fhan iadsan nan tosd; oir air an t‑slighe bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin cò aca a bu mhò a bhiodh. 35 Agus air suidhe dha, ghairm e an dà‑fhear‐dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Ge bè neach leis am miann a bhith air thoiseach, bidh esan air dheireadh air càch uile, agus na sheirbhiseach do na h‑uile. 36 Agus ghabh e leanabh, agus chuir e nam meadhon e: agus nuair a thog e suas na uchd e, thubhairt e riu. 37 Ge bè neach a ghabhas ri aon den leithidean seo de leanaban ann am ainm‐sa, tha e a’ gabhail riumsa; agus ge bè neach a ghabhas riumsa, cha mhise ris a bheil e a’ gabhail, ach ris an Tì a chuir uaithe mi. 38 Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn‐ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm‐sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin. 39 Ach thubhairt Iosa, Na bacaibh e; oir chan eil neach sam bith a nì mìorbhail am ainm‐sa dom bheil e an comas olc a labhairt gu h‑ealamh umam. 40 Oir ge bè neach nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn. 41 Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm‐sa, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais. 42 Agus ge bè a bheir adhbhar oilbheim do aon neach den mhuinntir bhig seo, a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge. 43 Agus ma bheir do làmh adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐làimh, na dà làimh a bhith agad, agus dol gu ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh; 44 Far nach bàsaich an cnuimh, agus nach tèid an teine as. 45 Agus ma bheir do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐chois, na dà chois a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh; 46 Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as. 47 Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i: is fheàrr dhut dol a‑steach do rìoghachd Dhè air aon sùil, na dà shùil a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn; 48 Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as. 49 Oir saillear gach aon neach le teine, agus saillear gach aon ìobairt le salann. 50 Is math an salann: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh‐bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin, agus bithibh sìochail ri chèile. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society