Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Bheathaich Crìosd an sluagh gu miorbhaileach. 11 Dhiùlt e comharradh a thoirt do na Pharasaich: 14 dh’iarr e air a dheisciobail a bhith air am faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach agus Heroid: 22 thug e a radharc do dhuine dall.

1 Anns na làithean sin, air do shluagh ro‑mhòr a bhith ann, agus gun nì air bith aca ri ithe, ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e riu,

2 Tha truas mòr agam den t‑sluagh, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe;

3 Agus ma leigeas mi dan taighean fhèin nan trasg iad, fannaichidh iad air an t‑slighe: oir thàinig cuid aca am fad.

4 Agus fhreagair a dheisciobail e, Cia as a dh’fhaodas neach iad seo a shàsachadh le aran an seo anns an fhàsach?

5 Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd.

6 Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad.

7 Agus bha aca beagan a dh’èisg bheaga: agus bheannaich e iad, agus dh’àithn e an cur sìos nan làthair mar an ceudna.

8 Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn seachd basgaidean den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.

9 Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall ceithir mìle; agus leig e air falbh iad.

10 Agus air ball chaidh e a‑steach an luing maille ra dheisciobail, agus thàinig e gu crìochan Dhalmanuta.

11 Agus thàinig na Pharasaich a‑mach: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.

12 Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo.

13 Agus dh’fhàg e iad, agus air dha dol a‑steach don luing a‑rìs, chaidh e a‑chum an taoibh eile.

14 Agus dhìochuimhnich na deisciobail aran a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuileann maille riu anns an luing.

15 Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid.

16 Agus bha iadsan a’ reusonachadh nam measg fhèin, ag ràdh, Is ann a chionn nach eil aran againn a tha e.

17 Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh?

18 Air dhuibh sùilean a bhith agaibh, nach faic sibh? Agus air dhuibh cluasan a bhith agaibh, nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a’ cuimhneachadh?

19 Nuair a bhris mi na còig buileannan am measg nan còig mìle, cia lìon cliabh làn de bhiadh briste a thog sibh? Thubhairt iadsan ris, A dhà‐dheug.

20 Agus nuair a bhris mi na seachd am measg nan ceithir mìle, cia lìon basgaid làn de bhiadh briste a thog sibh? Agus thubhairt iadsan. Seachd.

21 Agus thubhairt e riu, Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn?

22 Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

23 Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.

24 Agus dh’amhairc esan suas, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.

25 Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir.

26 Agus chuir e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin e, ag ràdh, Na rach a‑steach don bhaile, agus na innis do neach air bith anns a’ bhaile e.

27 Agus chaidh Iosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi: agus air an t‑slighe chuir e ceist air a dheisciobail, ag ràdh riu, Cò tha daoine ag ràdh as mise?

28 Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean.

29 Agus thubhairt esan riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Is tu Crìosd.

30 Agus thug e sparradh dhaibh gun iad a dh’innse seo uime do neach sam bith.

31 Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean.

32 Agus labhair e a’ chainnt seo gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus thòisich e ra chronachadh.

33 Ach air dhàsan tionndadh mun cuairt agus amharc air a dheisciobail, chronaich e Peadar, ag ràdh, Imich air mo chùlaibh, a Shàtain: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.

34 Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise.

35 Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon‐sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e.

36 Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall?

37 No ciod a bheir duine ann an èirig a anama?

38 Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan