Marcus 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Cosamhlachd fir‐chuir an t‑sìl, agus a bhrìgh. 21 Is còir dhuinn solas ar n‑eòlais a phàirteachadh ri muinntir eile. 26 Cosamhlachd an t‑sìl a tha a’ fàs ann an uaignidheas, 30 agus a’ ghràinne mhustaird. 39 Chiùinich Crìosd onfhadh na fairge. 1 Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr. 2 Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg, 3 Eisdibh: Feuch chaidh fear‐cuir a‑mach a chur sìl: 4 Agus thàrladh, nuair a chuir e an sìol, gun do thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thàinig eunlaith an adhair, agus dh’ith iad suas e. 5 Agus thuit cuid eile dheth air fearann creagach, far nach robh mòr‐thalamh aige: agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhne talmhainn aige: 6 Ach air don ghrèin èirigh, loisgeadh e, agus a chionn nach robh freumh aige, shearg e as. 7 Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann suas, agus thachd e e, agus cha tug e toradh uaithe. 8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh. 9 Agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. 10 Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear‐dheug, an cosamhlachd dheth. 11 Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh‐san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan: 12 A‑chum is a’ faicinn dhaibh gum faic iad, agus nach aithnich iad, agus a’ cluinntinn dhaibh gun cluinn iad, agus nach tuig iad; air eagal àm air bith gun tilleadh iad, agus gum biodh am peacaidhean air am maitheadh dhaibh. 13 Agus thubhairt e riu, Nach aithne dhuibh an cosamhlachd seo? Agus cionnas, matà, a thuigeas sibh gach uile chosamhlachd? 14 Tha am fear‐cuir a’ cur an fhacail. 15 Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd, agus a’ togail leis an fhacail, a shìol‐chuireadh nan cridheachan. 16 Agus is iad seo iadsan mar an ceudna a chuireadh air fearann creagach; muinntir, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e air ball le gàirdeachas: 17 Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim. 18 Agus is iad seo iadsan a chuireadh am measg an droighinn, an dream a dh’èisdeas ris an fhacal; 19 Agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd saoibhreis, agus ana‐miannan nithean eile a’ teachd a‑steach, agus a’ tachdadh an fhacail, agus nìthear neo‐thorrach e. 20 Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh. 21 Agus thubhairt e riu, An toirear coinneal a‑chum gun cuirear i fo bheul soithich, no fo leabaidh? Nach ann a‑chum a cur ann an coinnleir? 22 Oir chan eil nì air bith falaichte nach foillsichear; agus cha robh nì air bith an cleith nach tig am follais. 23 Ma tha cluasan a‑chum èisdeachd aig neach air bith, èisdeadh e. 24 Agus thubhairt e riu, Thugaibh fa‑near ciod a chluinneas sibh: leis an tomhas a thomhaiseas sibh, tomhaisear dhuibh fhèin; agus bheirear tuilleadh dhuibhse tha ag èisdeachd. 25 Oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha: agus ge bè neach aig nach eil bheirear uaithe an nì sin fhèin a tha aige. 26 Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh. 27 Agus gun caidleadh e, agus gun èireadh e a dh’oidhche agus a là, agus gun gineadh an sìol, agus gum fàsadh e suas, air dòigh nach fhios dha. 28 Oir bheir an talamh a‑mach toradh uaithe fhèin, air tùs am fochann, a‑rìs an dias, an dèidh sin an làn arbhar anns an dèis. 29 Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd. 30 Agus thubhairt e, Ciod an nì ri an samhlaich sinn rìoghachd Dhè? No ciod e an cosamhlachd leis an coimeas sinn i? 31 Is cosmhail i ri gràinne mustaird, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh. 32 Ach an dèidh a chur, fàsaidh e suas, agus cinnidh e nas mò na luibh sam bith eile, agus fàsaidh geugan mòra air; ionnas gum faod eunlaith an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil. 33 Agus le iomadh de a leithidean sin de chosamhlachdan labhair e am facal riu, a rèir mar a b’urrainn iad a chluinntinn. 34 Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth. 35 Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile. 36 Agus nuair a sgaoil iad an coitheanal, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e; agus bha longan beaga eile maille ris mar an ceudna. 37 Agus dh’èirich doineann mhòr ghaoithe, agus leum na tonnan a‑steach don luing, air chor is gu robh i a‑nis làn. 38 Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn? 39 Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann. 40 Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh cho eagalach? Cionnas nach eil creideamh agaibh? 41 Agus ghabh iad eagal ro‑mhòr, agus thubhairt iad ri chèile, Ciod e an duine seo, gu bheil a’ ghaoth agus an fhairge fhèin umhail dha? |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society