Marcus 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Leighis Crìosd neach air an robh am pairilis: 14 ghairm e Mata o àite‐togail na cìse: 16 dh’ith e maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich: 18 ghabh e leith‐sgeul a dheisciobail airson nach robh iad a’ trasgadh. 1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh. 2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu. 3 Agus thàinig iad, a’ toirt da ionnsaigh neach air an robh a’ phairilis, air a ghiùlan le ceathrar. 4 Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe. 5 Nuair a chunnaic Iosa an creideamh‐san, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut. 6 Ach bha dream àraidh de na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, agus iad a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin, 7 Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin? 8 Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan? 9 Cia aca as fhasa a ràdh ris an neach air a bheil a’ phairilis, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich? 10 Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis), 11 Tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh. 12 Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr‐iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo. 13 Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad. 14 Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite‐togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e. 15 Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh‐san, gun do shuidh mòran chìs‐mhaor agus pheacach maille ri Iosa agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e. 16 Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich? 17 Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn: cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais. 18 Agus bu ghnàth le deisciobail Eòin agus nam Pharasach a bhith a’ trasgadh: agus thàinig iad, agus thubhairt iad ris, Carson a tha deisciobail Eòin agus nam Pharasach ri trasgadh, agus nach eil do dheisciobail‐sa a’ trasgadh? 19 Agus thubhairt Iosa riu, A bheil clann seòmar an fhir nuadh‐phòsda comasach air trasgadh a dhèanamh, am feadh a bhios am fear nuadh‐pòsda maille riu? Am feadh tha am fear nuadh‐pòsda aca maille riu, chan fhaod iad trasg a dhèanamh. 20 Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh‐pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin. 21 Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa. 22 Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha. 23 Agus thàrladh gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair air là na sàbaid; agus thòisich a dheisciobail, ag imeachd dhaibh, ris na diasan arbhair a spìonadh. 24 Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid? 25 Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris? 26 Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd‐shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris? 27 Agus thubhairt e riu, Dh’òrdaicheadh an t‑sàbaid airson an duine, chan e an duine airson na sàbaid: 28 Air an adhbhar sin, is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society