Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thugadh Iosa ceangailte an làthair Philait. 17 Chuireadh coron dhroighinn air, 20 agus chaidh fanaid a dhèanamh air. 21 Dh’fhannaich e le giùlan a’ chroinn‐cheusaidh; 27 chrochadh e eadar dà ghadaiche, etc.

1 Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd‐shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.

2 Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.

3 Agus chuir na h‑àrd‐shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.

4 Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.

5 Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.

6 A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.

7 Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.

8 Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.

9 Ach fhreagair Pilat iad, ag ràdh, An àill leibh gun cuir mi rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?

10 (Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd‐shagartan thairis e.)

11 Ach bhrosnaich na h‑àrd‐shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh.

12 Agus fhreagair Pilat, agus thubhairt e riu a‑rìs, Ciod mas eadh as àill leibh mi a dhèanamh ris an duine sin, den goir sibh Rìgh nan Iùdhach?

13 Agus ghlaodh iad a‑rìs, Ceus e.

14 An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e.

15 Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.

16 Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.

17 Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e.

18 Agus thòisich iad air beannachadh dha, ag ràdh, Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!

19 Agus bhuail iad anns a’ cheann e le slait chuilce, agus thilg iad smugaid air, agus a’ lùbadh an glùn, rinn iad adhradh dha.

20 Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.

21 Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann‐ceusaidh a ghiùlan.

22 Agus thug iad e gu ionad dom b’ainm Golgota, is e sin air eadar‐theangachadh, àite claiginn.

23 Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.

24 Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan, a’ tilgeadh croinn air ciod a’ chuid a bhiodh aig gach duine dheth.

25 Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e.

26 Agus bha sgrìobhadh a chùise‐dìtidh air a sgrìobhadh os a chionn, RÌGH NAN IÙDHACH.

27 Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì.

28 An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.

29 Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana‐cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean,

30 Fòir ort fhèin, agus thig a‑nuas on chrann‐cheusaidh.

31 Agus mar an ceudna thubhairt na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ri chèile, a’ fanaid air, Shaor e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shaoradh.

32 Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann‐cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana‐cainnt dha.

33 Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair.

34 Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar‐theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?

35 Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an làthair thubhairt iad, Feuch, tha e a’ gairm Eliais.

36 Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon‐geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas.

37 Agus air do Iosa èigheach le guth àrd, thug e suas an deò.

38 Agus bha brat‐roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar.

39 Agus nuair a chunnaic an ceannard‐ceud, a bha na sheasamh fa chomhair, gun tug e suas an deò, a’ glaodhaich mar sin, thubhairt e, Gu fìrinneach b’e an duine seo Mac Dhè.

40 Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;

41 Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem.

42 Agus a‑nis air teachd don fheasgar (do bhrìgh gum b’e là an ullachaidh e, eadhon an là ron t‑sàbaid),

43 Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa.

44 Agus b’ioghnadh le Pilat ma bha e cheana marbh. Agus air dha an ceannard‐ceud a ghairm, dh’fhiosraich e dheth, an robh fad o fhuair e bàs.

45 Agus air dha fios fhaotainn on cheannard‐ceud, thug e an corp do Iòseph.

46 Agus cheannaich esan lìon‐aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phàisg e anns an lìon‐aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe.

47 Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan