Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’innis Crìosd ro‑làimh sgrios an teampaill, 9 geur‐leanmhainn airson an t‑soisgeil, 10 gur èigin an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do gach uile chinneach; 14 agus gun tig àmhgharan mòra air na h‑Iùdhaich.

1 Agus nuair a bha e a’ dol a‑mach as an teampall, thubhairt neach de a dheisciobail ris, A Mhaighistir, feuch ciod a’ ghnè chlach, agus ciod a’ ghnè aitreibh seo!

2 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Am faic thu an aitreabh mhòr seo? Chan fhàgar clach air muin cloiche, nach sgarar o chèile.

3 Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann‐ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth,

4 Innis dhuinne cuin a bhios na nithean sin, agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean sin gu lèir air an coileanadh?

5 Agus fhreagair Iosa iad, agus thòisich e air a ràdh, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh:

6 Oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise e: agus meallaidh iad mòran.

7 Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

8 Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean‐talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.

9 Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon‐sa, mar fhianais dhaibhsan.

10 Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich.

11 Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh.

12 Agus bheir am bràthair a bhràthair thairis a‑chum bàis, agus an t‑athair a mhac: agus èiridh a’ chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near an cur gu bàs.

13 Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme‐sa: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar.

14 Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:

15 Agus na tigeadh esan a tha air mullach an taighe a‑nuas don taigh, agus na rachadh e a‑steach a thoirt nì air bith as a thaigh:

16 Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.

17 Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin!

18 Agus guidhibh‐se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh.

19 Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

20 Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud.

21 Agus an sin ma their neach air bith ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no, Feuch, tha e an sin, na creidibh e:

22 Oir èiridh Crìosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean, agus mìorbhailean a‑chum, nam bu chomasach e, na daoine taghte fhèin a mhealladh.

23 Agus thugaibh‐se an aire: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean.

24 Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe;

25 Agus tuitidh reultan nèimh, agus bidh na cumhachdan a tha anns na nèamhan air an crathadh.

26 Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr‐chumhachd agus glòir.

27 Agus an sin cuiridh e a aingil a‑mach, agus cruinnichidh e ri chèile a dhaoine taghte fhèin o na ceithir gaothan, o leth‐iomall na talmhainn gu leth‐iomall nèimh.

28 A‑nis fòghlamaibh cosamhlachd on chraoibh‐fhìge. Nuair a bhios a geug a‑nis maoth, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fhios agaibh gu bheil an samhradh am fagas;

29 Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean sin a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan.

30 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean sin uile.

31 Thèid nèamh agus talamh thairis; ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh.

32 Ach chan eil fhios an là no na h‑uaire sin aig neach air bith, chan eil aig na h‑ainglean a tha air nèamh, no aig a’ Mhac, ach aig an Athair.

33 Thugaibh fa‑near, dèanaibh faire agus ùrnaigh; oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm.

34 Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh.

35 Uime sin dèanaibh‐se faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe; an ann air feasgar, no air mheadhon‐oidhche, no aig gairm‐choileach, no anns a’ mhadainn;

36 Air eagal air teachd dha gu h‑obann, gum faigh e sibh nur cadal.

37 Agus na nithean a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ris na h‑uile dhaoine, Dèanaibh faire.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan