Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’innis Crìosd ro‑làimh diùltadh nan Iùdhach, agus gairm nan Cinneach. 13 Sheachain e na ribean a chuir na Pharasaich, agus na Heròdianaich roimhe: 18 nochd e mearachd nan Sadusach mu thimcheall aiseirigh nam marbh.

1 Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

2 Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath.

3 Ach air dhaibhsan a ghlacadh, bhuail iad e, agus chuir iad uapa falamh e.

4 Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas‐urram.

5 Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile.

6 Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac.

7 Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin.

8 Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e.

9 Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.

10 Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.

11 Rinneadh seo leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean‐ne.

12 Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

13 Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich, agus de luchd‐leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt.

14 Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?

15 Ach air dhàsan an cealg a thuigsinn, thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thugaibh pèighinn am ionnsaigh, a‑chum gum faic mi i.

16 Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

17 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus ghabh iad iongantas ris.

18 An sin thàinig na Sadusaich da ionnsaigh, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann; agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh,

19 A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair.

20 A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear dhiubh bean, agus nuair a dh’eug e, cha d’fhàg e sliochd.

21 Agus ghabh an dara fear i, agus fhuair esan bàs, agus cha mhò a dh’fhàg esan sliochd: agus an treas fear mar an ceudna.

22 Agus ghabh an t‑seachdnar i, agus cha d’fhàg iad sliochd: nan dèidh uile, chaochail a’ bhean mar an ceudna.

23 Anns an aiseirigh uime sin, nuair a dh’èireas iad, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi.

24 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè?

25 Oir nuair a dh’èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar na h‑ainglean a tha air nèamh.

26 Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib?

27 Chan e Dia nam marbh e, ach Dia nam beò: tha sibhse uime sin ann am mearachd mòr.

28 Agus thàinig neach de na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a’ deasbaireachd ri chèile, agus a thuig e gun do fhreagair e gu math iad, chuir e ceist air, Cia i a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile?

29 Agus fhreagair Iosa e, Is i seo a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile. Èisd, O Israeil, an Tighearna ar Dia‐ne is aon Tighearna e;

30 Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn, agus led uile neart: is i seo a’ chiad àithne:

31 Agus is cosmhail an dara àithne rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: chan eil àithne eile ann as mò na iad seo.

32 Agus thubhairt an sgrìobhaiche ris, Is math gu fìrinneach, a Mhaighistir, a thubhairt thu: oir tha aon Dia ann, agus chan eil atharrach ann ach e fhèin.

33 Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean‐loisgte agus thabhartas.

34 Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air.

35 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, a’ teagasg anns an teampall, Cionnas a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh?

36 Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna‐sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

37 Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr‐shluagh ris gu taitneach.

38 Agus thubhairt e riu na theagasg, Bithibh air ur faicill o na sgrìobhaichean, leis an ionmhainn imeachd ann an culaidhean fada agus fàilte fhaotainn air na margaidhean;

39 Agus na ciad chathraichean anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan‐suidhe aig na fèillean;

40 A dh’itheas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

41 Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite‐coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

42 Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a nì feòirling.

43 Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann.

44 Oir thilg iadsan uile ann dem mòr‐phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan